Preantasan Àirinis
Thòisich Gàrradh Àirinis ann an Leòdhas cuairt eile de bhith fasdadh preantasan agus luchd-ionnsachaidh, is iad ag amas air sgilean a' ghnìomhachais a thoirt dhan ath-ghinealach.
As deidh còrr is 20 bliadhna far nach deach sgillean togail stàilinn a theagasg do dh' òganaich sam bith sa ghàrradh, chaidh deugachadh dhiubh fhasdadh san dà bhliadhna bho dh'fhosgail an làrach às ùr, fo stiùir Harland and Wolff.
Gluasad, a rèir choltais, a tha air togail mòr a thoirt dhan luchd-obrach agus dhan choimhearsnachd.
Seo Aonghas Dòmhnallach.