Am menopause san àite-obrach

Dhiùlt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte molaidhean air a' mhìos seo chaidh airson an lagh atharrachadh airson dèiligeadh le trioblaidean a tha am menopause ag adhbharachadh do bhoireannaich san àite-obrach.

Thàinig na molaidhean bhon Chomataidh airson Bhoireannach is Co-ionnannachd.

Ach a rèir aithris, tha companaidhean gu math nas taiceile agus nas mothachaile na b'àbhaist - rud air a bheil boireannaich a' cur fàilte.

Tha an aithris sa aig Màiri Riddoch.