Làrach bìdh ùr an Ionad an Eastgate an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Loch & Larder ann an Ionad an Eastgate

Dh'fhosgail làrach bìdh ùr ann an Inbhir Nis.

Tha an Loch & Larder ann an Ionad Bhùithtean an Eastgate agus air an làraich far an robh gnothachasan bìdh roimhe.

Bidh còig gnothachasan bìdh air an tarraing còmhla fo bhratach an Loch & Larder.

'S e àite-bìdh neo-fhòirmeil a th' ann le àite-suidhe airson 174 daoine.

Chaidh còrr is £2m not a chosg a' sgeadachadh na làraich a tha air a bhith bàn bho dhùin na gnìomhachasan bìdh a bh' ann roimhe.

Loch & Larder ann an Ionad an Eastgate

Tha ceannardan Ionad an Eastgate an dòchas gun tèid daoine a thàladh chun fharsaingachd bìdh a bhios air a reic.

Am measg na bhios ann bidh Scottish Kitchen le Gary Mac'Illeathain a buannaich MasterChef: The Pofessionals ann an 2016.

Cuide ris bidh Cluck, inver mercanto, Sweet Ness agus Ness n Korma. Tha dùil ri Fairground Cafe nas fhaide air a' mhìos.

Bha dùil gu robh an làrach a' dol a dh'fhosgladh san Dùbhlachd ach bha dàil ann.

An dèidh do dh'Ionad an Eastgate grunn bhùithtean a chall sna beagan bhliadhnachan mu dheireadh leithid Debenhams agus Topshop tha dòchas ann gun toir an làrach bìdh seo spionnadh as ùr dhan àite.

Gnothachas a gheibhear aig an Loch & Larder