Dragh mu sheirbheisean fiaclaireachd an Loch Aillse

  • Air fhoillseachadh
Ionad Fiaclaireachd Loch Aillse

Tha buidheann choimhearsnachd Lochalsh Collaborates am beachd taic bhuill phàrlamaid iarraidh agus dragh mòr san sgìre mu sheirbheisean fiaclaireachd.

Dùinidh ionad fiaclaireachd Loch Aillse an t-seachdain-sa, a' fàgail nach bi fiaclair idir anns an sgìre.

Nochd iad dragh gum biodh aig daoine ri clàradh le fiaclairean ann am Port Rìgh, Inbhir Pheofharain no nas fhaide air falbh buileach, rud a thuirt Lochalsh Collaborates a bhiodh "gun chiall."

Tha a' bhuidheann a' dèanamh dheth gu bheil seo a' toirt buaidh air mu 4,000 duine san sgìre.

Buaidh

Thuirt Maggie Choineagan bhon bhuidhinn gur iad òigridh, seann daoine agus daoine bochda gu sònraichte a dh'fhairicheas a' bhuaidh.

"Tha tòrr dhen òigridh nach eil air fiaclair fhaicinn bho thòisich Covid. Tha sin còrr air trì bliadhna air ais.

"Tha sinn a' cluinntinn bhon a h-uile duine cho cudtromach sa tha e gun coimheadar ri fiaclan òigridh o cha mhòr a tha iad nan leanabain. Uill, dè a tha a' tachairt dhan òigridh bhochd a tha seo?

"Trì bliadhna agus chan eil coltas gu bheil piseach sam bith a' dol a thighinn air an sin.

"Ciamar as urrainn do phàrantan an toirt a-mach às as an sgoil airson làithean, fiu 's mur a h-eil iad ag obair agus ma tha còmhdhail aca.

"Mar is trice a tha a' tachairt ann an suidheachaidhean mar seo 's e daoine bochda, daoine aig nach eil còmhdhail agus daoine aig nach eil goireasan 'son a dhol a Phort Rìgh no Inbhir Pheofharain. Tha e gun chiall gu bheil Bòrd na Gàidhealtachd a' smaoineachadh gun urrainn an sgìre-sa a bhith às aonais fiaclairean," thuirt i.

Ionad Fiaclaireachd Loch Aillse

Tha an t-ionad a' dùnadh leis gu bheil a' chompanaidh a tha ga ruith airson a reic agus na fiaclairean a bh' ann a' leigeil dhiubh an dreuchdan no tha iad airson an sgìre fhàgail.

Tha Lochalsh Collaborates a' tuigsinn nach do nochd duine no companaidh ùidh an t-ionad a ghabhail thairis.

Tha a' bhuidheann dhen bheachd gum bu chòir do NHS na Gàidhealtachd a ghabhail thairis agus fiaclairean fhastadh iad fhèin.

Sgrìobh iad gu NHS na Gàidhealtachd bho chionn faisg air mìos air ais a' moladh sin - nan gabhadh e dèanamh, ach bha iad ag ràdh nach d' fhuair iad freagairt.

Fuasgladh

Tha Lochalsh Collaborates a-nis a' faireachdainn nach eil roghainn aca ach a dhol gu na buill-phàrlamaid aca airson taic.

Thuirt Maggie Choineagan: "Feumar fuasgladh fhaighinn air a seo.

"Chan urrainn dhaibh air aon làimh a bhith air spiris a' teagasg dhuinn mar dh'fheumas sinn coimhead às dèidh ar slàinte agus cho cudromach sa tha e do dh'òigridh coimhead as dèidh an cuid fiaclan agus air an làimh eile an goireas a tha sin a thoirt bhuapa."

Beachd bho NHS na Gàidhealtachd

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tèid euslaintich a' Chaoil a ghluasad gu Ionad Fiaclaireachd Phort Rìgh, ach gum bi cothrom aca àite eile a roghnachadh iad fhèin.

Tha iad ag ràdh gu bheil dìth fhiaclairean na thrioblaid ann an mòran sgìrean dhen Ghàidhealtachd, gu bheil e duilich dreuchdan a lìonadh, agus gu bheil an suidheachadh air fàs nas miosa bho Chovid.

Thuirt iad gu bheil seo a' ciallachadh gur e cùram èiginneach a-mhàin a gheibh mòran dhaoine bho ionadan fiaclaireachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil Clionaig Fiaclaireachd Poblach NHS aig Ionad Slàinte a' Chaoil trì là san t-seachdain an-dràsta airson euslaintich a th' air an comharrachadh airson prìomhachas fhaighinn, agus gu bheil pròiseas fastaidh a' dol gus fiaclair fhaighinn a dh'obraicheas eadar Ionad Slàinte a' Chaoil agus Ionad Slàinte Dhùn Bheagain.