Dragh mu sheirbheisean fiaclaireachd an Loch Aillse

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feuchainn ri fiaclair a bharrachd fhastadh airson an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, ach gu bheil gainnead aig ìre nàiseanta air a bhith na dhuilgheadas.

Bidh Ionad Fiaclaireachd a' Chaoil a' dùnadh an t-seachdain seo - a' fàgail gum feum mòran de mhuinntir an àite siubhal a Phort Rìgh airson seirbheisean fiaclaireachd.

Seo Alasdair MacLeòid.