Mì-thoileachas ann an Colla mu sheirbheisean aiseig
Cumaidh Comhairle Coimhearsnachd Cholla clàr mionaideach bho seo a-mach air a' chall a thig air muinntir an eilein air sgàth suidheachadh nan aiseagan.
Tha mì-thoileachas mòr an Colla 's ann an Tiriodh an dèidh dhaibh cluinntinn gur i an Lord of the Isles a bhios aca 'son co-dhiù mìos eile fhad 's a tha an Caledonian Isles agus an Clansman anns an doc.
Seo Seonaidh MacCoinnich.