Obair-leasachaidh gus cidhe Bhàgh a' Chaisteil a dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Alt-aiseig

Bidh Bàgh a' Chaisteil as aonais seirbheis aiseig airson trì là sa Mhàirt airson leigel le obair-leasachaidh aig a' chidhe a dhol air adhart.

Thuirt CMAL gum feum iad ròpannan-togail ùra a chur ris an alt-aiseig.

Bidh e dùinte dà thuras airson seachd là uile gu lèir, bhon 16mh dhan 18mh den Mhàirt agus a-rithist bhon 23mh dhan 26mh den Mhàirt.

Leis gu bheil na cinn-là sin a' gabhail a-steach ceithir là air nach bhiodh seirbheisean aiseig ann co-dhiù, cha bhi ach trì là far an tèid na seirbheisean a chur dheth.

Thuirt CMAL gun do rinn iad conaltradh còmhla ri Caledonian Mhic a' Bhriuthainn air na cinn-là agus gu bheil iad a' tighinn às dèidh do sheirbheisean Ùige a thilleadh, ach mus tòisich clàr-àma an t-sàmhraidh.

Fhuair iad rabhaidhean bho eòlaichean einnseanaireachd gun robh an t-alt-aiseig feumach air ròpannan-togail ùra, agus chaidh casg a chur air carabadan de cuideam ro mhòr an t-alt-aiseig a chleachdadh san Lùnastal an-uiridh.

Thuirt CMAL gur e obair-càraidh riatanach a bh' anns na leasachaidhean seo agus aon uair 's gum biodh iad seachad gun rachadh aig carabadan de chuideaman nas motha an t-alt-aiseig a chleachdadh a-rithist.