
Cuiridh àrd-stiùiriche Salmon Scotland, Tavish Scott, draghan mu thaigheadas an cèill ann an òraid an Dùn Chailleann Dihaoine.
Tha rabhadh ann gu bheil àrdachadh mòr ann am prìsean thaighean is gainnead thaighean a' cur maill air eaconomaidh na Gàidhealtachd.
Thuirt Salmon Scotland, buidheann a tha a' riochdachadh chompanaidhean àrach bhradan na dùthcha, gu bheil fiosrachadh bho Chlàran na h-Alba a' sealltainn gun do dh'èirich prìsean thaighean ann an Alba 89% eadar 2004 is 2022.
Nochd iad dragh ge-tà, gun robh am figear sin tòrr nas àirde ann an cuid de sgìrean dùthchail.
Thog iad air na h-Eileanan an Iar far an robh àrdachadh 135.1% ann, sgìre Comhairle na Gàidhealtachd (107.2%), agus Earra-Ghàidheal is Bhòid (93.1%).
Bha na figearan nas àirde builleach anns na h-Eileanan mu Thuath le àrdachadh 172% ann an Arcaibh agus 167.9% ann an Sealtainn.
Dh'innis Salmon Scotland gu bheil duilgheadasan mòra cuideachd ann an sgìrean dùthchail le taighean a tha falamh agus taighean a tha air an ceannach gu sònraichte airson a bhith air an cur a-mach air màl.
Gnìomh
Thuirt a' bhuidheann gu bheil seo a' fàgail gu bheil e fìor dhoirbh do chompanaidhean luchd-obrach fhastadh agus a ghlèidheadh.
Dh'iarr iad às ùr air Riaghaltas na h-Alba gun tèid £10m a tha tuathanaich bhradan a' pàigheadh mar mhàl a chur an dàrna taobh agus a chosg air taigheadas air an tuath.
"Tha dìth thaighean aig prìs reusanta a' cur maill air Ghàidhealtachd is na h-eileanan a bhith a' fàs mar bu chòir", thuirt àrd-stiùiriche Salmon Scotland, Tavish Scott.
"Tha companaidhean anns a' ghnìomhachas againn a' cosg an airgid aca fhèin air taighean do dhaoine ann an dreuchdan riatanach. Tha sinn cuideachd a' cur gu feum taighean a tha air màl, taighean aoigheachd is taighean-òsta is tha seo a' cur ris an eaconomaidh ionadail fad na bliadhna.
"Cha dèan gnìomhachas a' bhradain a' chùis leis fhèin air an staing seo a chur ceart, ge-tà. 'S e seo an duilgheadas as motha aig tuath is tha feum air gnìomh sa bhad.
"'S e sin a tha a' fàgail gu bheil sinn airson is gun tèid £10m den airgead a tha companaidhean bradain a' pàigheadh gu Oighreachd a' Chrùin a chosg air taigheadas", thuirt e.
Cuiridh Mgr Scott na draghan an cèill ann an òraid aig co-labhairt na buidhne Taigheadas Dùthchail na h-Alba ann an Dùn Chailleann Dihaoine.