
Thèid cìs chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid suas 5% air an ath-bhliadhna ionmhais is comhairlichean air taic a chur ri buidseat an ùghdarrais ionadail.
Bha toll £13m air beulaibh chomhairlichean nuair a chruinnich iad Diardaoin.
Dh'aontaich iad gun a dhol air adhart le moladh gus dreuchdan luchd-obrach lolipop nan sgoiltean a ghearradh.
Chaidh sin a sheachnadh is a' Chomhairle air aontachadh gun tèid pàigheadh airson dà sgoil ùr a tha iad air togail mar-thà thar 60 bliadhna seach 30 bliadhna
Dh'innis ceannard an ùghdarrais, an Comh. Robin MacMhuirich, gur e faochadh mòr a bha sin ach thuirt e nach bi e comasach airgead a shàbhaladh san dòigh seo a-rithist.
Ged a chaidh aig comhairlichean air cuid de na gearraidhean a sheachnadh, dh'aidich an Comh. MacMhuirich gum faic muinntir na sgìre buaidh na chaidh aontachadh is thuirt e gu bheil cruaidh-fheum air barrachd airgid bhon Riaghaltas.
Sgoil Ghàidhlig
Aig an dearbh àm, bhruidhinn comhairlichean air atharrachadh a dhèanamh air plana Gàidhlig an ùghdarrais is Riaghaltas na h-Alba air iarraidh orra co-chomhairle a dhèanamh taobh a-staigh dà bhliadhna air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre
Tha iomairt air a bhith a' leantainn airson sgoil Ghàidhlig a chur air dòigh san Òban.
Thèid co-chomhairle air adhart a-nise, ged a thuirt an Comh. MacMhuirich nach eil e follaiseach càite am biodh sgoil no cò às a thigeadh airgead air a son.
"Tha mi an dòchas gum bi a' cho-chomhairle fosgailte airson a h-uile duine ann an Earra-Ghàidheal is Bòd is chan e dìreach an t-Òban.
"Dh'fhaoidte gum bi iad ag ràdh rinn nuair a thig iad air ais gum bu chòir an sgoil a bhith ann an Tiriodh no Ìle. Tha dà bhliadhna ann airson sin a chur còmhla.
"Feumaidh sinn amhairc dè tha a' cho-chomhairle ag ràdh. Ma tha e ag ràdh gu bheil sgoil Ghàidhlig a dhìth ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, feumaidh sinn sin, is amhairc dè mar a tha sinn a' dol a phàigheadh airson sin is feumaidh sinn amhairc airson airgid", thuirt e.