Seirbheisean aiseig fon phrosbaig a-rithist aig Holyrood

  • Air fhoillseachadh
Lord of the Isles

Nochdaidh Ministear na Còmhdhail agus riochdairean bho Chòmdhail Alba is CMAL air beulaibh an rannsachaidh air seirbheisean aiseig na h-Alba Dimàirt.

Bidh cathraiche agus àrd-oìfigear CMAL, Mòrag NicNèill is Caoimhin Hobbs, am measg na bheir seachad fianais gu Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood.

Às dèidh cluinntinn bhuapa, gheibh buill na comataidh cothrom Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, a cheasnachadh, còmhla ri riochdairean bho Chòmhdhail Alba.

Chuir a' chomataidh an rannsachadh, taobh a-muigh air dòigh an-uiridh is iad air athchuinge fhaighinn mun chall a tha a' tighinn air coimhearsnachdan eileanach ri linn cho "neo-earbsach" 's a tha seirbheisean aiseig.

Tha an rannsachadh a' coimhead air na seirbheisean a th' ann agus mar bu chòir seirbheisean aiseig a bhith air an toirt seachad san àm ri teachd.