Naidheachdan 11.00m
Bryson
Chuir an Àird Chùirt ann an Dùn Èideann binn ochd bliadhna sa phrìosan air an tar-ghnètheach, Isla Bryson, a fhuaireas ciontach fo chasaid dithis bhoireannach èigneachadh. Rinn Bryson, a tha 31, an eucoir nuair a b' aithne e mar fhear fon ainm, Adam Graham, mus do dh'iarr e aithneachadh mar bhoireannach. Bidh òrdugh stiùiridh trì bliadhna ann an dèidh na h-ùine sa phrìosan. Thuirt am britheamh am Morair Scott gu bheil cunnart ann gun dèan Bryson eucoir a-rithist.
Èirinn a Tuath
Tha am Prìomhaire Rishi Sunak ann an Èirinn a Tuath an-diugh an dèidh aonta ùr a dhèanamh leis an Aonadh Eòrpach mu riaghailtean malairt Bhrexit. Chuir ceannard Pàrtaidh Deamocratach an Aonaidh, Sir Jeffrey Donaldson, fàilte le faiceall air aonta Windsor ach thuirt e gum bi e fhèin agus a' chompanaich a' dèanamh sgrùdadh mionaideach air briathrachas laghail an aonta mus co-dhùin iad an cuir iad taic ris.
Leanabh
Tha poilis a' coimhead airson leanabh òg a bhuineas do chupall a chuirear an grèim ann am Brighton an-raoir an dèidh faisg air dà mhios às an t-sealladh. Bha oifigich a' coimhead airson Constance Marten agus Mark Gordon bho chaidh an càr aca a lorg na theine ann am Manchester air a' chòigeamh là den Fhaoilleach. Dh'iarr poilis air a' mhòr-shluagh sùil a chumail a-mach airson an leanaibh.
Tidsearan
Tha cha mhòr a h-uile sgoil stàite an Alba dùinte is tidsearan air stailc eile an-diugh agus a-rithist a-màireach. 'S e seo na stailcean a thòisich an toiseach anns an t-Samhain. Tha dùil aig an Leas Prìomh Mhinistear John Swinney agus Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville coinneachadh ri aonadh an luchd-teagaisg an EIS an-diugh.
Sgeama nam botal
'S e an-diugh an là mu dheireadh do chompanaidhean clàradh airson sgeama ath-chuairteachaidh bhotail agus canastairean Riaghaltas na h-Alba. Fon sgeama, a tha ri tòiseachadh anns an Lùnastal, bhiodh fichead sgillinn dha thilleadh air gach botal no cnogan airson ath-chuairteachadh. Tha dragh ann ge-ta mu chosgais na sgeama ùire do chompanaidhean agus tha an triùir thagraichean airson ceannas an SNP ag ràdh gum feum a h-atharrachadh.