Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dhroch ionnsaigh am Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh
Seacaid poilis

Dh' iarr na Poilis fiosrachadh às dèidh droch ionnsaigh ann am Port Rìgh air an deireadh-sheachdain.

Thachair an ionnsaigh aig ceann shuas Rathad na Slignich, no Bayfield Lane, mu 12:20m Disathairne.

Chaidh fear aois 19 a ghoirteachadh agus chaidh a thoirt dhan ospadal san Àth Leathann.

Tha e a-nise air faighinn dhachaigh.

Taic

Tha na Poilis a' sireadh dithis fhireannach ann an co-cheangal ris a' chùis.

Dh'innis iad gu bheil fear dhiubh eadar 18 is 25, le gruag dhubh, agus bha aodach dubh air aig an àm.

Tha am fear eile mu 5'10", tapaidh, le gruag bhàn, is bha aodach dorcha air.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a bha anns an sgìre aig an àm no a chunnaic dad, no aig a bheil dealbhan dashcam, tighinn air adhart.

Bu chòir brath a chur air na Poilis air 101 agus àireamh 0084 25/02/2023 a thoirt seachad.