Siostam ùr thiceadan ChalMac bhon Ghiblean

  • Air fhoillseachadh
Aiseag

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhruthainn gun tèid an siostam ùr thiceadan aca beò air an 25mh den Ghiblean.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho gheall CalMac siostam ùr didseatach le ticeadan-d.

Thuirt a' chompanaidh gum bi e nas fhasa do luchd-siubhail ticeadan a cheannach agus atharrachadh bho seo a-mach, le barrachd sùbailteachd cuideachd a thaobh an t-seòrsa ticeid a tha iad ag iarraidh.

Dh'innis CalMac gun gluais ticeadadan sam bith a th' aig daoine mar-thà air an 25mh den Ghiblean agus às dèidh sin dhan t-siostam ùr.

Cha leig daoine a leas dad a dhèanamh is gheibh iad post-d leis na ticeadan ùra.

Sgioba

Cha bhi feum tuilleadh air ticeadan a tha air an ceannach air-loidhne a chlo-bhualadh aig an taigh no a thogail bhon phort, is ticeadan-d a' dol nan àite.

Thuirt CalMac gum faigh daoine barrachd fiosrachaidh mun t-siostam ùr an seo, taobh a-muigh.

Dh'iarr iad air duine sam bith le ceistean fios a chur thuca air fòn, post-d, no air twitter.

Dh'innis iad cuideachd gum bi sgioba shònraichte aca air an 25mh fhèin airson daoine a chuideachadh.