
Jimmy Clark a' faighinn an Légion d'Honneur ann an 2016.
Tha luaidh ga dhèanamh air fear de laoich-cogaidh an Eilein Sgitheanaich, Jimmy Clark, à Breacais faisg air an Àth-Leathann.
Chaochail Mgr Clark an t-seachdain seo aig aois 99.
Thogadh e ann an Glaschu le ceanglaichean teaghlaich leis an Eilean Sgitheanach is ghluais e dhan eilean às dèidh dha an t-arm fhàgail.
Bha e am measg feachd commando a rinn trèanadh ann an Achadh na Cairidh an Loch Abar is a chaidh air tìr air Sword Beach ann an Normandy air D-Day ann an 1944.
Chaidh Jimmy Clark a leòn às dèidh sin ann an saoradh na Frainge.
'S ann airson sin chaidh an Légion d'Honneur - an t-urram as àirde ann an Arm na Frainge - a bhuileachadh air ann an 2016, is riochdaire bho Riaghaltas na Frainge a' tighinn chun an eilein 'son an t-urram a thoirt seachad.
Thathas a' tuigsinn gur e Jimmy Clark am fear mu dheireadh a bha beò de ghaisgich cogaidh D-Day an Eilein Sgitheanaich.
Murchadh Peutan a' dèanamh luaidh air Jimmy Clark.
"Saoilidh mise gu bheil cuimhne aig a h-uile Sgitheanach den ghinealach agamsa air Jimmy Clark fhaicinn nuair a bha e ag obair air bàta-aiseig a' Chaoil", dh'innis Murchadh Peutan, a tha fìor eòlach air eachdraidh cogaidh an Eilein.
"Dh'aithneachadh tu air anns a' bhad dìreach le coimhead air is mar a bha e ga ghiùlan fhèin gur e duine tapaidh, foghainteach, a bh' ann, agus gu dearbh 's e sin a dh'fheumadh a bhith ann oir bha e anns na commandos.
"Tha cuimhne agam commando eile, Fearchar MacBeithe à Gleann Eilg, ag ràdh rium gun robh an trèanadh a fhuair iad ann an Achadh na Cairidh na bu chruaidhe na dad eile a thachair riutha sa chogadh.
"Na laoich a tha sin uile, tha iad airidh air h-uile urram. Tha iad a' fàgail dìleab phrìseil às an dèidh.
"Gu cinnteach dh'fhaodadh tu a ràdh, mairidh an cliù gu bràth", thuirt e.
Bidh tìodhlacadh Jimmy Clark ann Dihaoine ann an Eaglais na h-Alba san Àth-Leathann aig meadhan-là.