
Rinn teine milleadh air Taigh Sgìre Sholais san Fhaoilleach 2021.
Fosglaidh Taigh Sgìre Sholais ann an Uibhist a Tuath às ùr air an deireadh-sheachdain.
Eadar am pandemic agus teine a rinn milleadh air an togalach san Fhaoilleach 2021, tha an goireas air a bhith dùinte airson còrr is dà bhliadhna.
'S e buille mhòr a bha san teine a dh'fhàg nach robh e comasach do Taigh Sgìre Sholais fosgladh a-rithist aig àm nuair a thòisich àitichean eile faighinn gu dol gu ìre is adhartas air tighinn air suidheachadh Covid-19.
Tha an obair-càraidh a-nise air a dèanamh ge-tà, is muinntir na sgìre air an dòigh gu bheil an goireas gu bhith aca a-rithist is ionndrainn mòr air an taigh sgìre.
"Bha sinn a' dèanamh ar dìcheall na b'urrainn dhuinn a dhèanamh", dh'innis Eilidh NicIain bho chomataidh Taigh Sgìre Sholais.
"Bha sinn a' toirt phrèasantan seachad dha na seann daoine sa bhaile aig àm na Nollaige. Cha robh e furasta rudan a chumail a-muigh ach dh'fheuch sinn co-dhiù.
Ionndrainn
"Bha sinn a' dèanamh rudan beaga mar sin fad na h-ùine, fiù 's aig àm Covid cuideachd, a' feuchainn rud no dhà a chumail a' dol, ach tha e air a bhith gu math doirbh as aonais togalach far am faod daoine cruinneachadh fiùs aig àm na Nollaige, suipear Burns no fiù 's tiodhlacadh.
"Tha sinn air a bhith ga ionndrainn gu mòr, an cothrom a tha sin tighinn còmhla is tha mi a' smaoineachadh gum bi sinn ga chur feum glè mhath a-niste ", thuirt i.
Dh'innis i gu bheil dùil mar-thà ri tòrr thachartasan anns na mìosan ri tighinn.
Thèid Taigh Sgìre Sholais fhosgladh às ùr Disathairne le tachartas eadar 1.00f is 3.00f is cothrom aig daoine cupa teatha is greim bìdh fhaighinn is cuairt timcheall an togalaich is ceòl gu bhith ann cuideachd.
Bidh cèilidh ann air an oidhche aig 7.00f.
Chan eil feum air ticeadan a chur air dòigh ach dh'innis Eilidh gum biodh e na chuideachadh nan innseadh daoine ro-làimh gu bheil iad an dùil tighinn.