Naidheachdan 11:00m

Pàigheadh Thidsearan

Tha còmhraidhean foirmeil an-diugh ag amas air fuasgladh dhan eas-aonta mu phàigheadh nan tidsearan ann an Alba. Tha na còmhraidhean an-diugh eadar na h-aonaidhean, na h-ùghdarrasan ionadail agus Riaghaltas na h-Alba. Ma thig tairgse pàighidh ùr àsta tha coltas gum faodadh na h-aonaidhean, mar shealladh air deagh rùn, an ath chuairt de stailcean an ath-sheachain a chur dheth.

An SNP

Bha eas-aonta mu neo-eisimeileachd agus aithne ghnè aig a' chiad hustings aig an triùir thagraichean airson ceannas an SNP ann an Comar nan Allt an-raoir. Thuirt Humza Yousaf gum feum slighe laghail a bhith ann gu neo-eisimeileachd. Thuirt Ash Regan gum feumar soirbheachas SNP ann an taghadh a chleachdadh mar inneal barganachaidh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha Ceit Fhoirbeis eadar an dithis sin, agus ise a' moladh an ath thaghadh coitcheann mar mhandat airson referendum eile. 'S e Humza Yousaf an aon fhear a tha ag iarraidh tagradh laghail an aghaidh mar a chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte stad air reachdas aithne ghnè Holyrood.

Arena Mhanchester

Thèid an aithisg mu dheireadh bho rannsachadh phoblach cheannairc Arena Mhanchester fhoillseachadh an-diugh. 'S ann mu phàirt nan seirbheisean tèarainteachd anns a' chùis, agus an gabhadh an ionnsaigh seachnadh a tha an treas aithisg seo. Chaill 22 dhuine am beatha san ionnsaigh ann an 2017. Bha deugaire à Barraigh, Eilidh NicLeòid, nam measg.

Matt Hancock

Thuirt an tè-naidheachd, Isabel Oakeshott, gur ann gu maith a' phobaill a sgaoil ise teachdaireachdan Whatsapp seann Rùnaire na Slàinte, Matt Hancock. Thuirt i nach ann airson airgid a rinn i e, ach dh'aidich i gun do bhris i aonta nach dèanadh i sin mus do thòisich i air leabhar a sgrìobhadh còmhla ri Mgr Hancock mu dè thachair aig àm a' phandemic. Thuirt Mgr Hancock gur e briseadh earbsa mòr a th' ann, agus gun do thrèig i e.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coinneachadh an-diugh a chur buidseat na h-ath-bhliadhna air dòigh. Tha dùil ri gearraidhean, agus àrdachadh 4% anns a' chìs chomhairle, mu choinneimh toll faisg air £50m sna cunntasan. Cuiridh comhairlichean dùbhlanach cuideam air buidheann riaghlaidh an SNP seirbheisean a dhìon le feadhainn de na gearraidhean a chur an dara taobh.

Brighton

Thèid sgrùdadh bàis a dhèanamh air corp an leinibh a th' aig meadhan rannsachadh nam poileas mu chùis Constance Marten agus Mark Gordon. Chaidh corp an leinibh, a bhuineadh dhan chupall, fhaighinn ann an coille air iomall Brighton faisg air far an do chuir poilis an dithis an grèim Diluain.