"Cothrom caillte" mu ionnsaigh Mhanchester

  • Air fhoillseachadh
Chaill 22 dhuine am beatha san ionnsaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaill 22 duine am beatha san ionnsaigh sa Chèitean 2017.

Fhuair an aithisg dheireannach air ionnsaigh cheannairc Arena Mhanchester ann an 2017 gun do chaill an t-seirbheis tèarainteachd MI5 cothrom math air gluasad a dh'fhaodadh a bhith air stad a chur air an ionnsaigh.

Am measg nan adhbharan a chaill iad an cothrom, bha mar a "dh'fhaillich" air oifigear MI5 gluasad luath gu leòr.

Fhuair cathraiche an rannsachaidh phoblaich air an ionnsaigh, Sir John Saunders, cuideachd gu bheil coltas ann gun d' fhuair am bomaire, Salman Abedi, cuideachadh bho chuideigin ann an Libia.

'S e seo a' chiad turas a chaidh co-dhùnadh oifigeil a dhèanamh mu dhaoine thall thairis a bhith an sàs sa chuilbheart.

Daoine Eile

Chaill 22 duine am beatha san ionnsaigh, deugaire à Barraigh, Eilidh NicLeòid, nam measg.

Thuirt Sir John gun robh an treas aithisg seo - an tè mu dheireadh san rannsachadh - ag amas air trì rudan: mar a chaidh Salman Abedi a radaigeachadh, ullachadh na h-ionnsaigh le Abedi agus a bhràthair, agus co-dhiù gabhadh an ionnsaigh seachnadh.

Leis a cho-dhùnadh gun d' fhuair Salman Abedi taic bho chuideigin ann an Libia, tha Sir John Saunders a' dol an aghaidh a' mheasaidh a rinn MI5 fhèin, a thuirt nach robh duine eile ach Salman Abedi fhèin agus a bhràthair Hashem an sàs.

Fhuair Sir John gu bheil "deagh choltas ann gun robh daoine eile an sàs, le fios dhaibh, ann an ullachadh bhoma, ged 's dòcha nach robh am fiosrachadh gu lèir aca."

Thuirt e ge-tà, leis an fhianais a tha ri fhaotainn, nach gabh a ràdh cò na daoine eile a bh' ann.

Thuirt e gun robh Abedi ann an conaltradh ri radaigich Ioslamach mu rudan leithid martarachd.

Chaidh mòran den fhianais a chuala an rannsachadh poblach a chluinntinn air cùlaibh dhòrsan dùinte air adhbharan tèarainteachd nàiseanta, agus mar sin dheth tha na tha ga fhoillseachadh san aithisg air a chuingealachadh a rèir sin.

Radaigeachadh

Tha an aithisg ag ràdh ge-tà, gun d' fhuair MI5 dà phìos fiosrachaidh anns na mìosan air thoiseach air an ionnsaigh a bha cudromach a thaobh na cuilbheirt a bha a' dol air adhart.

Bha còir aig MI5 a bhith air a' chiad phìos fiosrachaidh sin a roinn le Poilis na Ceannairc ach nach do thachair sin, agus gun robh còir aig oifigear MI5 a bhith air aithisg a sgrìobhadh air an dàrna pìos fiosrachaidh air an là a rinn iad measadh air, ach gun do dh'fhaillich orra sin a dhèanamh.

A thaobh radaigeachadh Abedi, fhuair an rannsachadh gu bheil e ao-coltach gur ann aig Mosg Didsbury ann am Manchester a thachair sin.

Ach thuirt e gun robh coltas ann gun robh am mosg a' feuchainn ri astar a chur eadar iad fhèin agus an teaghlach Abedi "ann an dòigh nach robh mi a' meas fìrinneach".

"Dh'fhaodadh am mosg a bhith air stiùireadh nas cuideachaile a thoirt dhomh a dh'ionnsaigh na fìrinne" thuirt e.

An t-Eadar-Lìon

A thaobh mar a rinn an dithis bhràithean ullachadh airson na h-ionnsaigh, thuirt e gun do chleachd iad bhidio stiùiridh air an eadar-lìon a rinn a' bhuidheann an Stàit Ioslamach.

Thuirt e gu bheil e cudromach gun dèan na h-ùghdarrasan cinnteach nach tèid "leithid seo de stiùireadh mhuirt a chur air an eadar-lìon" san àm ri teachd.

A' bruidhinn air na stuthan ceimigeach a chaidh a chur anns a' bhoma, thuirt Sir John gun robh e cudromach gun tèid fios a chur air na Poilis gu luath mu dhaoine a bhith a' ceannach rudan neo-àbhaisteach.

"Cha deach fiosrachadh mu na cheannaich na bràithrean fhèin a thoirt don fheadhainn eile".

Nan robh sin air tachairt, thuirt e, "dh'fhaodadh gun robh cothrom ann stad a chur air Salman Abedi."

Thuirt Sir John gu bheil misneachd aige gun dèan na Poilis agus Seirbheis Chasaid a' Chrùin na tha iomchaidh ma thig fianais am bàrr gu bheil daoine a bharrachd an sàs anns an leithid de dh'ionnsaigh.

Ged a thuirt e gun robh "cothrom caillte ann", thuirt Sir John nach eil e comasach co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù bha e air stad a chur air an ionnsaigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo