Naidheachdan 11:00m
Tidsearan
Dh'innis an Leas Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a tha cuideachd na Rùnaire Ionmhais eadar-amail, dhan BhBC gu bheil esan gu math dòchasach gum bi aonta ann an-diugh fhathast san eas-aonta mu phàigheadh nan tidsearan. Thuirt e gun deach tairgse airson na bliadhna 2022/23 suas bho 6% gu 7%. Tha Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail a' coinneachadh an-diugh a dheasbad na tairgse a tha sin an dèidh còmhraidhean an-dè eadar na h-aonaidhean, na comhairlean agus Riaghaltas na h-Alba.
Cumhachd
Tha aithrisean ann gu bheil an Seansalair Jeremy Hunt am beachd triì miosan eile a chur ri sgeama-taic an riaghaltais le cosgaisean dealain agus gas, mar a bha na h-uimhir de na companaidhean cumhachd an dùil a thachradh. Bha an taic a th' ann an-dràsta ri sguir aig deireadh na mìos ach thuirt Roinn an Ionmhais gun robh iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh agus tha luchd-iomairt air a bhith ag ràdh gum feumadh an riaghaltas, air a' char 's lugha, taic air choireigin a chumail ris an fheadhainn as miosa dheth.
Ofgem
Thug riaghladair a' chumhachd, Ofgem, cead ann am prionnsabal do chàball ùr airson dealain eadar Arcaibh agus tìr-mòr na h-Alba. Dh'iarr a' chompanaidh chumachd SSEN cead foirmeil an toiseach ann an 2018 ach thàinig orra dearbhadh do dh'Ofgem gun cuireadh an càball gu feum airson cumhachd ath-nuadhachail a thoirt à tuathan gaoithe ann an Arcaibh. Tha ùine co-chomhairle a' tòiseachadh air a' phròiseact.
Binn
Chaidh binn prìosain còig bliadhna agus deich mìosan air fear à Siorrachd Obair Dheathain a chuir teachdaireachd air-loidhne mu mharbhadh neo "assassination" Nicola Sturgeon. Chuir Uilleam Curtis, a tha 70, teachdaireachd cuideachd a' maoigheadh air ball na sgìre aig an àm sin ann am Pàrlamaid na h-Alba, Stewart Stevenson. Agus chaidh binn prìosain ceithir bliadhna air fear eile, Phillip Mitchell, a thug ionnsaigh còmhla ri Curtis air britheamh ann am Banbh ann an 2021.
Sue Gray
Chuir am Pàrtaidh Làbarach dìon air a' cho-dhùnadh àrd-dhreuchd a thabhainn air Sue Gray, an seirbheiseach catharra bha os cionn an rannsachaidh mu na pàrtaidhean aig Sràid Downing aig àm a' ghlasaidh. Tha fearg air na h-uimhir de Thòraidhean a tha ag ràdh gu bheil fastadh Ms Gray mar cheannard sgioba aig Sir Keir Starmer a' togail cheistean mòra mu chothromachd an rannsachaidh. Thuirt na Làbaraich nach eil dad mi-iomchaidh ann agus gun gabh iad ri breith Comataidh Comhairlichidh na Pàrlamaid, a nì co-dhùnadh air am faigh Sue Gray an obair.
An Cotan
Dh'innis pàrantan ann an Leòdhas dhan BhBC mun droch bhuaidh a thigeadh à dùnadh ionad cùram-chloinne ann an Steòrnabhagh. Tha UHI nan Eilean Siar, dham boin an goireas An Cotan, a' dèanamh co-chomhairle mu dhùnadh aig deireadh a' Ghiblein. Tha dragh air pàrantan nach fhaigh iad àite dhan cuid cloinne ann an ionadan eile.