
Ospadal Uibhist is Bharraigh
Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gur dòcha gum bi aca ri deas-bhiadh a thabhann air euslaintich air sgàth cho gann sa tha iad de luchd-obrach cidsin ann an ospadal Uibhist is Bharraigh.
Thuirt am bòrd slàinte gun do chuir iad sanasan-obrach a-mach airson trì dreuchdan aig an ospadal ann am Baile a' Mhanaich 20 turas sna ceithir mìosan a dh'fhalbh ach nach do shoirbhich leotha.
Tha 46% de na h-obraichean ann an cidsin an ospadail gun an lìonadh agus tha dùil gun leig cuid den luchd-obrach a th' ann dhiubh an dreuchdan a dh'aithghearr.
Thathar a' beachdachadh air seòmar-ithe an ospadail a dhùnadh rè ùine.
Thuirt NHS nan Eilean Siar gun dèanadh iad cinnteach gum biodh na h-innealan bìdhe làn cheapairean agus deochan dhan luchd-obrach, ach ghabh iad ris nach e suidheachadh a bu mhiann leotha a th' ann.
Solarachadh eadar-amail
Thuirt Àrd-stiùiriche a' bhùird, Gordan Jameson: "A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn sinn cha deach againn air duine fhastadh dha na trì dreuchdan bàna ann an Uibhist, agus tha sinn a' coimhead air seòmar-bìdh an ospadail a dhùnadh rè ùine mura faigh sinn air na dreuchdan sin a lìonadh.
"Chan urrainn dhuinn an t-seirbheis a chumail a' dol gun ach ceathrar luchd-obrach ag obair an-dràsta.
"Tha sinn air coimhead air iomadach roghainn, a bhith a' faighinn taic bho bhuidhnean eile nam measg, ach feumaidh sinn a-nis coimhead air planaichean èiginn dhan dà chuid luchd-obrach agus euslaintich."
Tha trì dreuchdan airson dithis luchd-cuideachaidh agus còcaire aig Ospadal Uibhist is Bharraigh air a bhith bàn bhon Dàmhair an-uiridh.