Luaidh ga dhèanamh air Tormod Dòmhnallach

  • Air fhoillseachadh
Tormod Dòmhnallach

Tha luaidh ga dhèanamh air a' chraoladair agus an sgrìobhadair Sgitheanach, Tormod Dòmhnallach, an dèidh a bhàis Dimàirt. Bha e 75 bliadhna de dh'aois.

Bha meas mòr aig daoine air airson an obair a rinn e taobh eachdraidh an eilein agus na Gàidhlig.

Chaidh e na òraidiche ann an Canada sna 70an agus às dèidh dha tilleadh a dh'Alba, bha e bliadhnaichean mòra ag obair dhan BhBC.

Tha e a' fàgail dìleab phrìseil de dh'eilean àraich, The Great Book of Skye, agus e fhèin agus an cò-sgrìobhaiche aige, Cailean Mac'illEathain, air trì de na leabhraichean tomadach a chur a-mach.

Thogadh Tormod Dòmhnallach ann an Sàtran faisg air Càrrabost ann am Minginis san Eilean Sgitheanach.

B' e Alasdair a bh' air athair agus bha e am measg na thàinig às na Hearadh gu taobh an iar an eilein.

Fhuair Tormod oideachadh ann am Bun-sgoil Chàrraboist agus ann an Sgoil Phort Rìgh.

Bha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus b 'e duine tàlantach a bh' ann air a' phàirce.

Thug e a-mach ceum le urram ann an eachdraidh aig Oilthigh Obair Dheathain.

Aig deireadh na 70an chaidh e a Chanada far an robh e a' teagasg sa cholaiste ann an Ceap Breatainn. Chaidh urram ollamh a bhuileachadh air.

Thill e a dh'Alba far an d' fhuair e obair aig a' BhBC ann am Port Rìgh.

Thuirt Ceannard na Seirbheis Gàidhlig, Mairead Màiri Mhoireach: "Tha cuimhneachain phriseil aig co-obraichean air Tormod mar fhear aig an robh ùidh ann an dualchas agus ann a bhith a' cnuasachadh cheistean thoinnte mu eachdraidh is litreachas is poileataics.

"Cha bheag an t-eòlas a bha aige air na chaidh a chur an clò mun Ghàidhealtachd agus cha robh cus na b' fhiosraichte na Tormod mu eachdraidh na sgìre agus na dùthcha."

Dh'innis i cuideachd gun toireadh e sgeulachdan agus caractaran bho linntean a dh'fhalbh beò tro bhriathrachas shiùbhlach, fhileanta agus eirmseach a' cur gu mòr ri beartas BBC Radio nan Gàidheal.

Chaochail Tormod Dòmhnallach tràth madainn Dimàirt aig aois 75. Tha e a' fàgail banntrach agus triùir chloinne.

Bidh an tìodhlaigeadh ann aig 2f, Diardaoin an 16mh den Mhàrt ann an Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.