Naidheachdan 11:00m
Cogadh na Ucràin
Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gun do bhuail ionnsaigh mhòr urchairean Ruiseanach air 10 sgirean air feadh na h-Ucràin tron oidhche. Tha aithrisean ann gun deach sianar a mharbhadh agus gun deach togalaichean agus bun-structar a dhroch mhilleadh. Chaill an t-ionad niùclasach aig Zaporizhzhia cumhachd agus 's ann air na gineadairean dìosail a tha e a' ruith an-dràsta.
Shell
Bha àrdachadh tuarasdail faisg air £3.5m aig àrd-oifigeach na companaidh cumhachd Shell an-uiridh. Choisinn Ben van Beurden £9.7m eadar pàigheadh agus bònas ann an 2022, còrr 's an leth uimhir air a' bhliadhna ron an sin. Agus tha an aithisg bhliadhnail ag innse gun do rinn Shell am prothaid as motha riamh an-uiridh ri linn àrdachadh mòr ann am prìsean ola agus gas.
Ùige
Thuirt Cathraiche Buidheann Leasachaidh na Hearadh gu bheil iongnadh agus fearg air cluinntinn gum bi cidhe Ùige dùinte deich là nas fhaide na bha dùil. Thuirt Coinneach MacLeòid gu bheil e gu math mì-thoilichte nach deach sin innse dhaibh nas tràithe. Bha dùil gum biodh an cidhe a' fosgladh a-rithist Diluain seo tighinn ach thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, dham boin e, gun do chuir droch shìde maill air an obair-leasachaidh agus nach tòisich seirbheisean à Ùige gu ruige an Tairbeirt agus Loch nam Madadh a-rithist gu Diardaoin an 23mh den mhìos.
SNP
Tha an triùir a tha a' seasamh airson ceannas an SNP a' gabhail pàirt anns an dàrna deasbad telebhisein a-nochd. Thèid Ash Regan, Humza Yousaf agus Ceit Fhoirbeis a cheasnachadh air farsaingeachd chuspairean fad leth-uair ann an deasbad a thèid a chraoladh air feadh Bhreatainn air Seanail 4.