Pròiseas a' leantainn gus sgoiltean an Earra-Ghàidheal a dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Clann-sgoile

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air ceumannan a ghabhail gus trì bun-sgoiltean san sgìre a dhùnadh.

Thèid dreach phlana ullachadh gus Bun-Sgoil Achadh Leamhain sa Choingheal agus Bun-Sgoil Cheann a Deas an Cinn Tìre a dhùnadh.

Tòisichidh co-chomhairle neo-fhoirmeil gus Bun-Sgoil Chille Chrèanain a dhùnadh cuideachd.

Tha na sgoiltean uile air a bhith dùinte rè ùine.

Tha iarrtas ann co-dhiù sa Choingheal an sgoil acasan a chumail fosgailte.

Tha buidheann phàrantan sa bhaile air iomairt a thòiseachadh gus Bun-Sgoil Achadh Leamhain fhosgladh a-rithist.

Tha Bun-Sgoil Cheann a Deas ann an Cinn Tìre air a bhith dùinte rè ùine agus chan eil iarrtasan air a bhith ann bhon choimhearsnachd gus feum a chur air an togalach.

Ann an co-chomhairle an-uiridh, thuirt a' chuid as motha de dhaoine gum bu chòir an sgoil a dhùnadh.

Cho-dhùin a' Chomhairle aithisg ullachadh gus togalach ùr a thogail ann an Ceann Loch Chille Chiarain far an tigeadh Bun-Sgoil Dhail an Tobair agus Bun-Sgoil Cnoc a' Chaisteil còmhla.

Tha na togalaichean a th' aca an-dràsta mì-fhreagarrach agus na mullaich ag aoidion.

Thuit pìos den mhullach am broinn Bun-sgoil Dhail an Tobair.

Thachair seo air an deireadh-sheachdain nuair nach robh duine innte.