
Thuirt àrd-chomhairliche aig Comhairle na Gàidhealteachd gu bheil e airson cur às do cho-dhùnadh casg rè ùine a chur air carbadan nas truime na 3.5 tonna air Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar.
Chaidh draghan a thogail mun bhuaidh a bhiodh aig a' phoileasaidh eadar-amail air gnothachasan ionadail.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun cuireadh iad an casg air carbadan nas truime fhad 's tha am bàta nas lugha agus nas sine - am Maid of Glencoul - air an t-seirbheis.
Tha an MV Corran an-dràsta a-mach à seirbheis.
Ceist
Thuirt a' Chomhairle air adhbharan sàbhailteachd gum feum iad na th' ann de thrafaig air an t-seirbheis a lùghdachadh is bha dùil gum biodh an casg an sàs bhon 20mh là dhen Mhàrt.
Tha ceist ann a-nise an tachair sin.
Dh'innis an Comhairliche Ken Gowans, cathraiche Comataidh na h-Eaconamaidh agus a' Bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, dhan BhBC nach deach aire gu leòr a thoirt air mar a bhiodh an casg a' bualadh air a' choimhearsnachd.
Thuirt e cuideachdh nach robh an conaltradh leotha air a bhith math gu leòr.
Thuirt an Comh Gowans gu bheil e airson cur às dhan chasg mus tèid a chur an sàs.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 Am Màrt 2023

- Air fhoillseachadh8 Am Màrt 2023

- Air fhoillseachadh1 Am Màrt 2023
