Mì-thoileachas mu chlàr-ama an t-samhraidh air aiseagan Thiriodh is Cholla
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Thiriodh is Cholla gu math mì-thoilichte mun naidheachd gum bi clàr-ama an t-samhraidh mìos nas fhaide gun tòiseachadh air na seirbheisean aiseig aca am-bliadhna.
Aig deireadh na seachdain sa chaidh, dh' innis CalMac do choimhearsnachdan Cholla is Thiriodh gun robh atharrachaidhean gu bhith air na clàran-ama aca agus gun cuireadh e dàil air clàr-ama an t-samhraidh.
Bha seo o chionn 's gun robh cuid de na soithichean anns an doc fhathast a' faighinn obair-chàraidh bhliadhnail - gu sònraichte an MV Clansman agus an MV Caledonian Isles.
Tha dragh ann mun bhuaidh a bheir seo air luchd-siubhail gu h-àraidh aig àm na Càisge.
Leanaidh clàr-ama a' gheamhraidh do Cholla agus do Thiriodh greis fhathast. Feumaidh an MV Lord of the Isles fuireach air seirbheis an Òbain-Colla-Tiriodh gu 7mh den Ghiblean.
Thèid clàr-ama eadar-amail a chur an-sàs leis an MV Clansman air an 8mh den Ghiblean. Leanaidh seo chun an 3mh den Chèitean.
Tha dùil gun tòisich clàr-ama an t-samhraidh air 4mh den Chèitean.
Dearbhadh
Thig dearbhadh air an seo bho ChalMac uaireigin Diluain 13mh den Mhàrt.
Tha sluagh Eilean Cholla air a bhith mì-thoilichte le cho tric sa tha an t-seirbheis aca air a bhith dheth thar an dà bhliadhna mu dheireadh. Tha comhairle choimhearsnachd an eilein ag ràdh nach eil an MV Lord of the Isles uabhasach freagarrach airson na seirbheis leis gu bheil duilgheadas ann le bhith a' faighinn a-steach chun a' chidhe ann an droch aimsir.
Tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh a bheir an dàil air gnìomhachasan - chan eil an LOTI cho mòr agus mar sin cha ghabh i uiread de charbadan. Tha seo na adhbhar dhragh gu sònraichte thairis air saor-làithean na Càisge.
Tha Comhairlean Coimhearsnachd Thiriodh agus Cholla ag iarraidh coinneamh le CalMac a bhruidhinn air dè na planaichean a th' aca airson dèiligeadh ri na bhios ann de dh' iarrtas thar na seachdainnean air thoiseach.
Tha CalMac gann de shoithichean agus tha dàil le clàr-ama an t-samhraidh air grunn de na seirbheisean eile aca cuideachd.
Thug CalMac taing do dhaoine airson foighidinn is tuigse a shealltainn agus iad fo uallach gu math mòr le duilgheadasan air feadh an lìonra air fad.