Ice Factor dùinte is màl gun phàigheadh

  • Air fhoillseachadh
Ice Factor Ceann Loch LìobhannTùs an deilbh, Google

Tha ceist mu choinneamh dè thachras do dh'Ionad Sreap Deighe na h-Alba às dèidh mar a chaidh cùmhnant an luchd-màil a thoirt gu ceann.

Dh' innis Urras Coimhearsnachd Cheann Loch Lìobhann gu bheil iad air a dhol gu lagh an aghaidh na companaidh a tha a' ruith Ice Factor ann an oidhirp màl nach deach a phàigheadh "thairis air ùine" fhaighinn air ais.

Air sàilleabh seo, tha an urras coimhearsnachd air an togalach a ghabhail air ais gu laghail bho Ice Factor Cheann Loch Lìobhain Earranta agus thuirt iad gum bi e dùinte a' chiad ghreis fhad's a bhios a chùis laghail a' dol air adhart.

Tha seo a' tighinn agus ionad eile, an Snow Factor ann an Siorrachd Rinn Friù air dùnadh anns an t-Samhainn.

B' ann le Buidheann Ice Factor a bha an dà ionad.

Thèid companaidh eile a lorg airson an togalach a ghabhail thairis ach chan eil e idir soilleir cuin a thèid an togalach fhosgladh a-rithist.

Tha sinn air fios a chuir gu Ice Factor Cheann Loch Lìobhain airson beachd fhaighinn bhuapa.