Riaghailtean dìon ùra aig Ospadal nan Eilean Siar ri linn chùisean Covid
- Air fhoillseachadh

Chaidh ceumannan a ghabhail airson Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh a chumail fosgailte an dèidh mar a thàinig Covid-19 air cuid de na h-euslaintich.
Chaidh àireamh bheag de chùisean a dhearbhadh ann an uàrd surgical an togalaich Dimàirt agus ann an uàrd meidigeach Disathairne.
Chaidh na h-euslaintich le Covid a ghluasad gu uàrd Covid an ospadail far a bheil iad leotha fhèin.
Tha an uàrd surgical fhathast fosgailte ach do dh'euslaintich ùra a-mhàin.
Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad air tadhal dhan dà uàrd air an tug an sgapadh buaidh a chuingealachadh.
Thabhainn an t-Àrd-Oifigear Gòrdan Jamieson a leisgeul do dh'euslaintich nach d'fhuair cùram mar a bha dùil ri linn an t-suidheachaidh.
Thuirt e: "Gu mì-fhortanach chan eil Covid-19 air falbh agus tha sinn a' faicinn cùisean dheth ann an diofar phàirtean de na h-Eileanana Siar.
"Ged a tha bacaidhean galair teanna an sàs sa h-uile làrach againn, faodaidh a' bhìoras fhathast bualadh.
"Nuair a thachras sin feumaidh sin ceumannan a ghabhail gu math luath airson euslaintich so-leònta a dhìon."