
Tha buidheann luchd-coiseachd a' cur an aghaidh nam planaichean as ùire airson cùrsa goilf a stèidheachadh air machair air a' Ghàidhealtachd.
Tha Coimhearsnachdan airson na Cùil (C4C) a' moladh leasachadh 625 acair air talamh ionaltraidh, a' mhachair agus coilltean sa Chùil faisg air Eurabol.
Chaidh planaichean airson leasachadh goilf aig an làraich roimhe a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Ramailearan na h-Alba gun robh dragh orra mu mhilleadh na h-àrainneachd agus na bacaidhean a bhiodh air daoine air slighe choiseachd leis na planaichean ùra.
Thòisich iad athchuinge an aghaidh an leasachaidh.
Thuirt C4C gun robh dìon na h-àrainneachd mar phàirt den phlana aca agus thuirt iad nach biodh bacadh air luchd-coiseachd idir.
Ach tha Ramailearan na h-Alba ag ràdh gum biodh 7 de na 18 tuill a bhiodh air a' chùrsa a' dol tarsainn slighe fhada Thaigh Iain Grot.
Thuirt iad gum biodh e na bu duilghe do luchd-coiseachd agus luchd-tadhail eile cluich na goilfearan a sheachnadh aig amannan trang.
"Fo chunnart aon uair eile"
Thuirt an Stiùiriche Brendan Paddy: "Tha sinn air ar uabhasachadh agus tha dragh mòr oirnn gu bheil machair na Cùil ann an cunnart aon uair eile dìreach trì bliadhna on a chuireadh a-steach iarrtas gu math coltach ris an fhear seo agus a chaidh a dhiùltadh an dèidh sgrùdaidh phoblaich."
Thuirt C4C gum biodh iad deònach coinneachadh ri Ramailearan na h-Alba.
Thuirt fear-labhairt: "Cha bhi na planaichean againn a' cur bacadh air ramailearan neo luchd-tadhail eile ann an dòigh sam bith.
"Gu dearbh, bidh an làrach mòran nas goireasaiche do bharrachd dhaoine a th' airson coiseachd ann."
Chaidh a' chiad phlana airson Cùrsa na Cùil a chur air adhart leis an fhear-ghnothachais Aimeireigeanach, Todd Warnock, agus chaidh cead a thoirt dha le Comhairle na Gàidhealtachd mus do cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir sgrùadh a bharrachd a bhith air a dhèanamh air.
An dèidh an sgrùdaidh phoblaich, dhiùlt an riaghaltas cead-dealbhachaidh.
Sa cho-dhùnadh aca sa Ghearran 2020, thuirt ministearan Albannach gum biodh am plana air a bhith a chùm maith na h-eaconamaidh agus leasachaidh dhùthachail.
Ach dh'aontaich iad le oifigich planaich an riaghaltais gum biodh droch bhuaidh aig an raon goilf air lusan tearc, eòin a tha a' geamhrachadh agus a' neadachadh ann agus air a' mhachair fhèin.