Chaidh boireannach a leòn ann an tubaist rathaid air an A82

  • Air fhoillseachadh
Soidhne tubaist aig na poilis

Chaidh boireannach, 29, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis le plèana eiridinn an dèidh tubaist eadar càr agus tractar air an A82 faisg air Cille Chuimein.

Thachair an tubaist mu 08.30m madainn Dihaoine.

Thuirt Poileas Alba gun do rinn luchd-ambaileans sgrùdadh air fireannach, 71, aig an làraich.

Tha an rathad fhathast dùinte.

Tha na poilis ag ràdh gu bheil an sgrùdadh a' leantainn air na thachair.