
Chaidh bhòtadh gu mòr an aghaidh faighinn cuidhteas a h-uile fiadh air Oighreachd Uibhist a Deas.
Aig coinneimh a chuir an t-uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, air dòigh oidhche Luain bhòt 140 duine airson sin a dhèanamh, agus 379 na aghaidh. Chaidh trì bhòtaichean a mhilleadh.
Thathar a' coireachadh nam fiadh airson sgaoileadh nan gartan a tha a' cur ri sgapadh an tinneis Lyme, agus airson milleadh a dhèanamh air gàraidhean dhaoine.
Tha timcheall air 1200 fiadh air Oighreachd Uibhist a Deas agus dh'iarradh gu leòr dhaoine gum faighte cuidhteas a h-uile beathach.
Bha cead aig còrr air 800 duine bhòtadh air a' cheist Diluain.
Leig mòr-chuid fhaicinn ge-tà nach e na beathaichean uile a thoirt far na h-oighreachd a bu mhiann leotha.

Nochd mòran de mhuinntir an àite aig a' choinneimh èiginnich
Bha mu 200 duine air an ainm a chur ri athchuinge a bha ag iarraidh air Stòras Uibhist na fèidh uile a thoirt far na h-oighreachd.
Thuirt Raghnall MacCoinnich, a chuir air dòigh an athchuinge a' sireadh coinneimh èiginnich, gum feum iad gabhail ri buil na bhòt.
"Ma dh'fhaoidte gur e rud car doirbh a bh' ann do dhaoine bhòtadh air a shon.
'S e rud riatanach a th' ann, nam bheachd-sa, ach chan eil fhios agam an robh daoine buileach deònach a dhol cho fada 's a bha sinne airson a dhol."
Thuirt e nach dèan iad iomairt ùr san aithghearrachd ach gun robh iad an dòchas gun cùmadh Stòras Uibhist leis an targaid aca airson na fèidh a mharbhadh agus àireamh nam beathaichean a thoirt a-nuas chun ìre air a bheil iad ag amas.
"Tha iad fada, fada bhon sin agus tha mi fhèin gu math diombach gun ruig iad sin co-dhiù leis a' phlana aca an-dràsta," thuirt Mgr MacCoinnich.
Gealltanas
Gheall Stòras Uibhist gun tèid na h-àireamhan a ghearradh.
B' e argamaid an uachdarain phoblaich gun dèanadh e cron eaconomach air an oighreachd agus air a' choimhearsnachd le bhith a' spadadh nam fiadh uile.
'S e fear de stiùirichean Stòras Uibhist, Dòmhnall Iain Camshron:
"An cunntas a fhuair sinn, 's e sin na h-àireamhan a tha sinn a' stiogadh ris.
Le bhith a' marbhadh nam fiadh air na bliadhnaichean a tha romhainn bheir sinn a-nuas na fèidh gu àireamh a tha daoine toilichte leis.
"Tha sinn an dòchas ma nì sinn sin gum faic daoine diofar sa ghartan a tha a' dol a-staigh dhan taobh an iar agus gum bi daoine gu math nas toilichte leis an sin."