
Tha an t-easaonta mu phàigheadh am measg cuid de luchd-obrach Chompanaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) seachad.
Bhòt faisg air 75% de bhallrachd Prospect a tha nan luchd-smàlaidh agus luchd-obrach tèarainteachd aig HIAL ris an àrdachadh pàighidh as ùire a chaidh a thabhainn orra.
Ghabh 93% de bhuill Unite ris an tairgse bhon luchd-fastaidh an dèidh iomairtean-obrach agus stailcean aig puirt-adhair HIAL.
Tha an t-aonadh PCS fhathast gun dearbhadh dè buil a' bhaileit am measg nam ball acasan. Tha àireamh bheag dhiubh ag obair am prìomh-oifis HIAL agus aig na puirt-adhair am Barraigh, Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Kirkwall.
Fuasgladh
Fon aonta, gheibh an fheadhainn a tha a' cosnadh suas ri £44,000 àrdachadh luach 4%, bidh 5% dhaibhsan air tuarastail suas ri £80,000 agus 4% don luchd-obrach air pàigheadh nas àirde na £80,000.
Thuirt Jane Rose, Oifigear Barganachaidh Prospect: "Tha sinn toilichte gu bheil buill Prospect air gabhail ris an tairgse ùr agus gu bheil a' chùis air a rèiteach.
"Tha na buill againn aig HIAL a' toirt seachad seirbheis riatanach dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus bu chòir dhaibh pàigheadh fhaighinn a rèir an cuid obrach agus sgilean.
"Dh'fheumadh gach taobh san aonta seo gèilleadh gu ìre agus bu mhath leam taing a thoirt do mhinistearan Albannach airson cead a thoirt do HIAL an tairgse seo a chur air a' bhòrd.
"Tha e soilleir gu bheil ceistean eile air nach eil fuasgladh fhathsast agus tha fiùghair againn còmhradh le HIAL airson dèiligeadh riutha sin agus tha sinn an ìmpis tòiseachadh air còmhraichean airson pàigheadh 2023-24," mhìnich i.

Thuirt Àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon: "Tha sinn toilichte gun deach gabhail ris an tairgse as ùire a bha nas àirde na cheadaicheadh an toiseach poileasaidh pàighidh na roinne poblaich aig Riaghaltas na h-Alba.
"Tha sinn duilich mun troimh-chèile a dh'adhbhraich na h-iomairtean-obrach do luchd-siubhail nuair a b' fheudar seirbheisean a chur dheth, gu h-àraidh do choimhearsnachdan eileanach a tha an eisimeil nam port-adhair againn airson stuth agus seirbheisean riatanach."
"Bidh an naidheachd mhath seo a' ciallachadh gun urrainn earbsa a bhith aig na companaidhean-adhair nuair a tha iad a' cur air dòigh sheirbheisean."
Bha stailcean agus iomairtean-obrach eile air buaidh a thoirt air grunn de phuirt-adhair HIAL bho dheireadh na bliadhna an-uiridh.
Bha tursan plèana airson mu 500 euslainteach sna h-Eileanan an Iar am measg nan seirbheisean air an tug an suidheachadh buaidh.
Chuir NHS nan Eilean Siar planaichean eile air dòigh dhaibh, an dèidh do Loganair rabhadh a thoirt gun cuireadh iad dheth cuid de sheirbheisean chun nan eilean fad sia seachdainnean air sgàth mar a bheireadh stailcean agus iomairtean-obrach eile buaidh orra.