Naidheachdan 11:00m

Poileas a' Mhet

Tha aithisg a rinn cruaidh-chàineadh air Poileas a' Mhetropolitan a' togail air gràin-cinnidh, gràin air boireannaich agus air daoine gèidh. Tha an t-ath-sgrùdadh a rinn a' Bhan-Uasal Casey ag ràdh gun do dh'fhaillich e iomadh turas air Poileas a' Mhet boireannaich agus nigheanan a dhìon bho fhòirneart. Dh'iarr Coimiseanair a' Mhet, Sir Mark Rowley, a leisgeul a ghabhail agus dh'aidich e gu bheil cus chùisean ann fhathast far a bheil cuid de dh'oifigearan poilis nan trioblaid.

An Ruis

Rinn Ceann-Suidhe Shìona, Xi Jinping, a th' ann am Mosgo an-dràsta, moladh air a' chàirdeas eadar an Ruis agus Sìona. Thuirt e gur e nàbaidhean cudromach a th' annta. Agus air an dàrna là air a thuras dhan Ruis, thug e fiathachadh dhan Chean-Suidhe Putin gu Beijing ro dheireadh na bliadhna seo.

Boris Johnson

Thèid fianais sgrìobhte Bhoris Johnson, anns an cùm e a-mach nach do mheall e a' Phàrlamaid mu phàrtaidhean aig Sràid Dhowning aig àm a' ghlasaidh, fhoillseachadh an-diugh. Thèid an seann Phrìomhaire, a tha a' dol às àicheadh gun do rinn e ceàrr, a cheasnachadh a-màireach le comataidh bhall-pàrlamaid thar-phàrtaidh.

Bun-phrìs na Dibhe

Tha còrr is 1,500 bàs nas lugha gach bliadhna an Alba le buaidh bun-phrìs air deoch-làidir a rèir na h-iris meadaigich an Lancet. 'S i Alba a' chiad dùthaich air an t-saoghal a chuir sin an sàs ann an 2018, agus air a' char as lugha prìs 50sg air gach aonad dibhe. Tha an rannsachadh ag ràdh gu bheil sin a' fàgail nas lugha bhàs le buaidh na dibhe an Alba na th' ann an Sasainn.

Tinneas Sgamhain

Tha rannsachadh ùr a' toirt am follais astair mhòir eadar deas is tuath ann an leigheas ospadail airson tinneas sgamhain anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an carthannas Asthma and Lung UK gum feumar barrachd a dhènamh airson a' bheàrn sin a dhùnadh. A rèir an rannsachaidh 's ann an Inbhir Chluaidh, Siorrachd Àir an Ear, agus Siorrachd Àir a Tuath as miosa an trioblaid an Alba. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag amas air co-ionnanas ann an seirbheisean slàinte.