Naidheachdan 11:00m

Cùmhnant nan Aiseagan

Thuirt neach-labairt do Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' sgrùdadh aithisg a tha ag ràdh gun robh fàiligeadh mòr anns an dòigh san deach cùmhnant airson dà bhàt-aiseig ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a làimhseachadh. Tha an aithisg bho Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Holyrood ag ràdh gun deach dìmeas a dhèanamh air airgead phoblach, agus gun deach coimhearsnachdan eileanach a leigeil sìos, agus tha iad ag ràdh gur e mearachd a bh' ann do Nicola Sturgeon innse tràth sa phròiseas gur e Ferguson Marine a bu choltaiche ged a bha na h-uimhir fhathast ri aontachadh anns a' chùmhnant.

Cidhe Ùige

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach iadsan no an luchd-obrach as coireach ris an t-suidheachadh aig cidhe Ùige. Dh'fhosgail am port an-diugh a-rithist ach cha deach rùm gu leòr fhàgail aig ceann a' chidhe airson carbadan mòra fada leithid làraidhean HGV a chur air a' bhàta no an toirt dhith. Thuirt CalMac gur e ceist a tha sin do Chomhairle na Gàidhealtachd dham buin an cidhe agus a tha os cionn na h-obrach leasachaidh. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas sin a chur ceart ro Dhisathairne, agus gu bheil iad duilich mun trioblaid a tha sin a' dèanamh do leithid chompanaidhean HGV a dh'fheumas a dhol taobh Ulapuil.

Ìre an Rèidh

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh air àrdachadh eile ann an ìre an rèidh an dèidh àrdachaidh ris nach robh dùil ann an ìre na h-atmhorachd, agus àrdachadh ann an ìre rèidh nan Stàitean Aonaichte. Tha a h-uile coltas gun cuir Banca Shasainn an ìre an seo suas cuideachd airson an 11mh turas ann an sreath, a' dol air ais dhan Fhaoilleach ann an 2021.

Horizon

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil sgeama air fosgladh airson airgead-dìolaidh do fo-mhaighstirean puist air an deach dìteadh ceàrr airson foill ri linn fàiligeadh ann an siostam coimpiutair Horizon. Fhuair feadhainn a thog cùis-lagha £43m bho Oifis a' Phuist ann an 2019, ach dh'fhalbh cosgaisean laghail le mòran dheth sin.

Nicola Sturgeon

Tha Nicola Sturgeon a' dol gu Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh airson an turas mu dheireadh an dèidh còrr is ochd bliadhna os cionn Riaghaltas na h-Alba. Bheir i an uairsin a h-aithris mu dheireadh do Phàrlamaid na h-Alba mar Phrìomh Mhinistear.