
Chaidh binn prìosain 12 bliadhna air fireannach a dh'aidich gun robh e a' stiùireadh ionnsaighean feiseil air nigheanan òga sna h-Eileanan Filipineach às an dachaigh aige an Loch an Inbhir.
Phàigh Gary Caimbeul, 59, a bha roimhe na smàladair, inbhich anns na h-Eileanan Filipineach airson na h-ionnsaighean a thoirt fhads 's a bha e a' coimhead air-loidhne na dhachaigh fhèin.
Chaidh Caimbeul a ghlacadh nuair a fhuair poilis a-mach gun robh e air airgead a phàigheadh grunn thursan do bhoireannach anns na h-Eileanan Filipineach a chaidh a chur an grèim airson ionnsaighean feiseil air cloinn a chraoladh beò air-loidhne.
Lorg oifigearan às dèidh sin bhideothan ann an taigh Chaimbeil anns an robh e a' coimhead ionnsaighean mar a bha iad a' tachairt agus a' toirt seachad stiùir dha na h-inbhich a bha air an cùlaibh.
Bha èigneachadh am measg nan ionnsaighean is thathas a' smaointinn gun robh nighean cho òg ri ceithir bliadhna a dh'aois am measg na dh'fhuiling.
Dh'aidich Caimbeul roimhe gun robh e ciontach de 13 casaidean de dh'ionnsaighean feiseil air cloinn eadar an t-Ògmhios 2012 agus an Lùnastal 2014 fhad 's a bha e a' fuireach ann an Loch an Inbhir.
Chuir am britheamh am Morair Beckett binn prìosain 12 bliadhna air Caimbeul Dihaoine.
Thuirt am Morair Beckett gur e eucoirean uabhasach a bha seo is nach robh dol às aige ach binn prìosain a chur air Caimbeul.
Chaidh innse dha cuideachd gum bi e air Clàr nan Drabastairean rè ùine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2023
