
Ionad Coimhearsnachd Gallaibh an Ear far a bheil an t-amar snàmh.
Tha amar-snàmh ann an Inbhir Ùige fhathast dùinte don phoball as dèidh tachartas ceimigeach Dihaoine a thug air sgoiltean, ionad coimhearsnachd agus goireasan spòrs faisg air làimh a bhith air am falamhachadh.
Dhearbh Highlife Highland gum bi an t-amar taobh a-staigh Ionad Coimhearsnachd Gallaibh an Ear dùinte fad ghreis.
Dh'fhosgail goireasan eile san toglach, nam measg leabharlann agus seòmar eacarsaich Disathairne.
Thuirt Seirbhis Smàlaidh na h-Alba gun deach ceithir einnseanan-smàlaidh agus goireasan sònraichte chun na làraich nuair a fhuair iad gairm mu "dhòrtadh ceimigeach".
Thuirt neach-labhairt High Life Highland nach deach duine a leòn 'san tachartas agus gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air dè direach a thachair.