
Dh'innis CalMac nach bi seòlaidhean ann eadar Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh Diciadain ri linn teine ann an seòmar einnsein an MV Hebrides Dimàirt.
'B e sin a' chiad là aig an t-seirbheis a bhith air ais a' ruith mar as àbhaist an dèidh mar a chaidh seòlaidhean a chur dheth airson deich seachdainnean.
Bha dòchas ann an toiseach gun tilleadh an Hebrides gu seirbheis tron là Diciadain.
Thuirt CalMac ge-tà, gu bheil rannsachadh a' leantainn is gun tòisich obair-càraidh Diciadain.
Gheall iad barrachd fiosrachaidh mu 5:00f a thaobh seòlaidhean Diardaoin.
Gheibhear am fiosrachadh sin an seo, taobh a-muigh.