"Suidheachadh measgaichte" a thaobh foghlaim Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Sgoilearan

Thuirt a' bhuidheann iomairt Misneachd gu bheil e follaiseach gu bheil feum air ro-innleachd is amasan làidir a thaobh na Gàidhlig is iad ag ràdh gu bheil figearan foghlaim a chaidh fhoillseachadh airson 2021-22 "measgaichte".

Chaidh na figearan, taobh a-muigh fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Bha dàil air a dhol orra roimhe is am Bòrd ag ràdh gur e siostaman ùra aig an Riaghaltas as coireach.

Am measg eile, tha na figearan a' sealltainn gun deach an àireamh de chloinn ann am FtMG sa bhun-sgoil air feadh Alba suas bho 3,801 gu 3,856, ged a thuit àireamhan ann an Clas 1 beagan.

A thaobh FtMG san àrd-sgoil, bha àrdachadh ann gu 1,616 bho 1,474.

Dh'èirich an àireamh a thaobh Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh sa bhun-sgoil gu 3,949.

Às àicheadh

Aig ìre àrd-sgoile, bha an àireamh de chloinn ag ionnsachadh na Gàidhlig air tuiteam bho 3,599 gu 2,766.

Sheall na figearan gun do thuit àireamhan luchd-ionnsachaidh ann an àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd ann an S1 bho 1,015 gu 240.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd do BhBC Naidheachdan gu bheil iad a' dol às àicheadh nam figearan sin.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil am fiosrachadh aca a' sealltainn gun robh 920 sgoilear aca ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an S1.

Dh'innis iad gu bheil seo a' toirt a-steach feadhainn a rinn Gàidhlig fad na bliadhna-sgoile is cuid eile a rinn measgachadh chànan, a' Ghàidhlig nam measg.

Sheall na figearan àrdachadh ann an àireamhan luchd-teasgaisg FtMG aig ìre na bun-sgoile (bho 238 gu 284) agus àrd-sgoile (bho 110 gu 173).

Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd gu bheil na h-àireamhan a' sealltainn "suidheachadh gu math measgaichte".

"Tha adhartas ann an corra àite. Tha na h-àireamhan air a dhol suas beagan uile gu lèir, ach aig a' cheart àm tha cuid de na h-àireamhan gu math draghail, an fheadhainn a tha a' dol a-steach dhan chiad chlas aig ìre na bun-sgoile a' tuiteam beagan. Cuideachd tha an suidheachadh gu math measgaichte a thaobh luchd-ionnsachaidh", thuirt e.

Dh'iarr Misneachd san fhreagairt aca dhan cho-chomhairle, taobh a-muigh air Bile nan Cànanan Albannach deireadh na bliadhna an-uiridh gun rachadh ro-innleachd ùr airson FtMG a chruthachadh.

Thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh gu bheil sin soilleir bho na figearan ùra.

Call

"Tha e follaiseach gu bheil ro-innleachd a dhìth is amasan gu math làidir bhon Riaghaltas gus fàs nas motha agus nas fheàrr fhaicinn ann an àireamhan.

"Mar phrionnsabal, ma tha sinn ag ràdh gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann mar bhun-stèidh dhan Ghàidhlig san àm ri teachd, seall air na daoine a tha sinn a' call fad na h-ùine - luchd-labhairt sa choimhearsnachd a tha a' cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil - cia mheud de na sgoilearan a tha a' tighinn a-mach à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a' dol air adhart gu bhith a' dèanamh sin?

"Ma 's e bun-stèidh a bhios ann, feumaidh am fàs a bhith fada, fada nas motha na tha e an-dràsta", thuirt e.

Thog Mgr Mac a' Bhàillidh dragh cuideachd gu bheil a' Ghàidhlig air a bhith na pàirt de dhleastanasan Rùnaire an Fhoghlaim ann an Riaghaltas na h-Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt e gu bheil cor na Gàidhlig gu math nas fharsainne na dìreach foghlam is gum bu chòir ministear a bhith ann airson nan cànanan Albannach.

Tha BBC Naidheachdan air soilleireachadh iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba am bi a' Ghàidhlig a' fuireach mar phàirt den obair aig Rùnaire ùr an Fhoghlaim, Jenny Gilruth, is tha sinn fhathast a' feitheamh freagairt bhuapa.