
Tha Comann nam Pàrant a' togail ceist mu cho feumail 's a tha Achd an Fhoghlaim ann a bhith a' cumail taic ri daoine a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig dhan cuid chloinne.
Tha seo an dèidh mar a fhuair pàrantan air a' Chomraich fios bho Chomhairle na Gàidhealtachd nach biodh iad a' stèidheachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre, a dh'aindeoin iarrtas oifigeil bho phàrantan.
Thuirt oifigich nach eil sgoil na sgìre mòr gu leòr airson foghlaim Gàidhlig.
Bha sin a dh'aindeoin is gun robh a' Chomhairle air feuchainn an-uiridh ri tidsear fhastadh.
"Nan robh sinn air a bhith soirbheachail ann am fastadh tidseir an-uiridh, bhiodh iad ann an suidheachadh a-nis le clas Gàidhlig anns an sgoil, agus chanadh tu gum feumadh iad rudeigin a dhèanamh. Freagairt air choireigin," thuirt Stiùiriche Chomann nam Pàrant Nàiseanta, Magaidh Wentworth.
"An suidheachadh a th' ann, a-nis tha a' Chomhairle ag ràdh nach bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' dol air adhart, agus nam bheachdsa tha ceist a thaobh stiùireadh reachdail ann an seo, leis gu bheil a' Chomhairle air an co-dhùnadh a tha sin a ruighinn gun a bhith a' dèanamh làn-mheasaidh mar a bu chòir air an t-suidheachadh.
Reachdas
"Chanainn nach eil sin ceart. Gum bu chòir a' Chomhairle a dhol air ais agus làn-mheasadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a tha seo a-rithist.
"Le sin, tha cothrom aig na buidhnean anns an stiùireadh reachdail - Comann nam Pàrant Nàiseanta, Foghlam Alba, Bòrd na Gàidhlig - gheibh sinne cothrom beachdan a chur a-steach.
"'S urrainn dha na pàrantan a dhol dhan Riaghaltas agus ceist a thogail a thaobh an stiùiridh reachdail.
"No a dhol air ais dhan Chomhairle agus a ràdh nach eil iad ag aontachadh ri seo.
"A thaobh an reachdais, 's e seo a' chiad turas a char a chleachdadh le Comhairle na Gàidhealtachd.
"Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tabhann foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig ann an tòrr sgìrean mar tha, so tha sin math.
"Ach tha e an-còmhnaidh math àitichean ùra fhaighinn, agus gu h-àraidh sgìre mar seo, a' Chomraich, far a bheil tòrr Gàidhlig ann fhathast.
"Agus 's e rud a tha uabhasach cudromach a thaobh Gàidhlig anns an sgìre, gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgoil.
Luchd-teagaisg
"Tha pròiseas anns an reachdas air a bhith againn beagan bhliadhnaichean a-nis, 's tha sinn a' coimhead air sin, agus tha sinn air ionnsachadh mar a tha na bliadhnaichean a' dol air adhart, agus dh'fhaodadh gun gabh rudan atharrachadh.
"A thaobh luchd-obrach, aig amannan tha e doirbh.
"Tha fios aig a h-uile duine againn gu bheil gainnead luchd-teagaisg ann - tha sin ann an taobh na Beurla cuideachd tha mi a' smaoineachdainn a thaobh ùghdarrasan ionadail, gu h-àraidh anns na sgìrean dùthchail a tha seo.
"Ach chan eil sin a' ciallachadh gum beil e do-dhèante a dhèanamh.
"Tha sinn a' faicinn ann an sgìrean eile, leithid Siorrachd Rinn Friù an Ear, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' tòiseachdainn am-bliadhna.
"Char an t-ùghdarras ionadail a tha sin tron phròiseas reachdail agus tha iadsan air prìomh thidsear fhastadh. So gabhaidh e a dhèanamh.
"Cha robh sinn a' smaoineachdainn "dh'fhaodadh nach bi trioblaid air a' Chomraich" ach bha sinn dòchasach - agus tha mi a' creidsinn gum bi dòchas ann fhathast," thuirt i.
Chaidh freagairt iarraidh bhon Chomhairle air puingean a chaidh a thogail leis a' Bh-Ph. Wentworth.
Dùbhlannan
A dh'aindeoin beachd na Comhairle nach eil sgoil na Comraich mòr gu leòr airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann, tha iad air tidsear Gàidhlig a shireadh dhan sgìre roimhe.
"Tha dùbhlannan ann, anns an togalach a th' ann, mu choinneimh clas Gàidhlig a chur ann," thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comh. Calum Rothach.
"Chan eil fhios agam cuin a thuig oifigearan gun robh sin gu bhith na dhùbhlan.
"Dh'fheuch sinn ri neach-teagaisg fhastadh, 's cha d' fhuair sinn tagraidhean sam bith.
"'S mar sin tha dùbhlannan ann air a' Chomraich, cha bu thoil leam a ràdh gu bheil an rathad seachad orra, chan eil fhios agam an-dràsta gun urrainn dhomh sin a ràdh, ach bu toil leam smaoineachadh gum bi dòigh ann sealltainn a-rithist air an làraich fhèin feuch dè ghabhas dèanamh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 Am Màrt 2023

- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios 2022
