
Am bàt-aiseag An Clansman as àbhaist a bhith a' frithealadh Eilean Cholla ach a tha fhathast gun tilleadh bhon doc
Tha siostam nan aiseagan an Alba air briseadh sìos am beachd aon de bhuill Comhairle Coimhearsnachd Eilean Cholla a tha am measg nan eilean air am bheil trioblaidean ann an lìonra ChalMac a' toirt buaidh.
Tha Ciorstaidh NicPhàrlain cuideachd na ball den bhuidhinn nàiseanta, Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan, a tha a' riochdachadh nan sgìrean a tha an eisimeil nan seirbhisean aiseig aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn.
Tha draghan ann an Colla an-dràsta is dàil air an Clasman tilleadh bhon doc.
Tha Ms NicPhàrlain ag ràdh gu bheil eagal air daoine a-nis mu na tha romhpa le seirbheisean trang an t-samhraidh.
Seusan na turasachd
"Tha sinn air cluinntinn gu bheil daoine air na làithean-saora aca a chur dheth air sgàth 's nach eil iad cinnteach gum faigheadh iad an seo neo gum faigheadh iad air falbh.
"Tha sin dìreach a' leantainn, chan eil fios againn cuin a chì sinn an Clansman, cuin a thèid cùisean air ais mar bu chòir.
"Tha sinn fhathast an seo ann an Colla, ann an Tiriodh agus ann an Colbhasa air clàr-ama a' gheamhraidh. Tha sin a' ciallachadh nach eil againn ach còig seòlaidhean gach seachdain.
"Chan eil fhios aig duine ciamar a tha CalMac a' dol a làimhseachadh an trafaig a bhios a' tighinn a h-uile bliadhna aig an àm seo."
"Briseadh sìos"
Am beachd Ms NicPhàrlain tha siostam nan aiseagan air briseadh sìos. Ghearain i air cho fada agus a thug e do Chòmhdhail Alba an MV Alfred fhaighinn às Arcaibh airson faochadh a thoirt do lìonra a' chosta an iar.
"Chan fhaigh thu fiosrachadh air dè a dh'adhbhraich gun tug seo cho fada, dè na bacaidhean a bh' air cùlaibh seo.
"Chan urrainn dhut seo a mhìneachadh do dhuine sam bith ach gu bheil an siostam seo air briseadh sìos agus gun fheumadh rudeigin gu math mòr tachairt gus am fàs e nas fheàrr."
Thuirt àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Druimeanach, gu bheil dàil air bàtaichean a' tilleadh bhon doc a' toirt buaidh air an t-seirbheis is leis nach eil bàta a' chòrr aca san lìonra, gur e àm dùbhlanach a th' ann do luchd-cleachdaidh.
Thabhainn e leisgeul mun troimh-chèile a th' ann, gu h-àraidh aig toiseach seusan an turasachd.