Sgrùdadh air Clach Sgàin ro chrùnadh an Rìgh

  • Air fhoillseachadh
Stone

Mar phàirt den ullachadh airson crùnadh an Rìgh an ath-mhìos, tha a' bhuidheann Àrainneachd Eachdraidheil Alba air teicneolas ùr a chleachdadh gus sgrùdadh a dhèanamh air Clach Sgàin

Bha a' chlach gu h-eachraidheil air a cleachdadh ann an cuirmean crùnaidh rìghrean na h-Alba mus do dh'fhalbh Rìgh Èideard Shasainn leatha san san treasamh linn deug.

Chaidh a stèidheachadh às dèidh sin ann an rìgh-chathair a' chrùnaidh ann an Abaid Westminster.

'S ànn as à sin a thug ceathrar oileanach a' chlach air ais a dh'Alba 'son treis ann an 1950

San là an-diugh tha a' chlach ga taisbeanadh ann an Caisteal Dhùn Èideann.

Air thoiseach air crùnadh an Treasamh Rìgh Teàrlach an ath-mhìos nuair a thèid a cleachdadh a-rithist, chuir Àrainneachd Eachdraidheil Alba teicneolas ùr gu feum gus iomhaigh 3D den chloich a chruthachadh.

Tha iad cuideachd air modail ùr den aon mheudachd a dhèanamh den chloich.