Tiristich a' sireadh taice à Lindisfarne a thaobh sgìrean HPMA

Tha muinntir Thiriodh a' sireadh chomhairle bhon choimhearsnachd air Eilean Lindisfarne ann an Northumberland mu a bhith a' strì an aghaidh phlanaichean 'son Sgìrean Fìor Ghlèidhte aig Muir.

Shoirbhich leothasan gus cur às do phlanaichean a bha aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte 'son na sgìre mu thimcheall an eilein, planaichean a bha ruideigin coltach ris an fheadhainn aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsda agus a tha air connspaid adhbhrachadh.

Tha am fear-naidheachd againn, Ailean Peutan, air a bhith a' toirt sùil air mar a shoirbhich le muinntir Lindisfarne len iomairt.