Dragh mu shàbhailteachd faisg air Creag an Fhèilidh
Chaidh iarraidh air luchd-turais a tha a' tadhal air an Eilean Sgitheanach gun a bhith a' fàgail an càraichean aig oir an rathaid faisg air Creag an Fhèillidh fhad 's a tha an t-àite parcaidh san sgìre an-dràsda dùinte.
Tha obair a' dol gus leasachadh a thoirt air an raoin-parcaidh, mar a tha Alasdair MacLeòid ag aithris.