
Tha mì-thoileachas mòr ann an Loch Abar, agus seirbheis aiseig a' Chorrain fhathast dheth.
Tha am bàta a bha a' ruith na seirbheis briste agus feumach air a càradh.
Bha an MV Maid of Glencoul co-dhiù a' ruith an àite an MV Corran, a tha anmoch a' tilleadh bho obair-càraidh ann an doc.
Tha an aiseag air a bhith dheth fad deireadh sheachdain na Càisge, agus tha coltas ann nach bi seirbheis ann idir fad grunn sheachdainean, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.
"A leth uimhir"
Tha gnothachas aig Mairi Anna NicUalraig san sgìre.
"Gun do bhrist an Glencoul buileach Dihaoine na Càisge, 's e dùbhlan uabhasach a th' ann dhuinn uile, a chionn tha sinn cho mòr an crochadh air an aiseag," thuirt i.
"Daoine a bha gu bhith a' tighinn is a' fuireach anns an sgìre, bha iad a' tighinn co-dhiù, ach bha còrr is uair de thìde a bharrachd aca 's dòcha a' tighinn a-nuas bho thuras gu math fada bho dheas.
"Agus bha, le cinnt, anns a' bhaile agam fhìn, on bha mi ag obair anns an taigh-bìdh an-raoir, bha a leth uimhir ann agus a bha còir a bhith ann.
"Chuir leth uimhir de dhaoine às den bheachd aca gun robh iad a' dol a thighinn a chionn gun robh iad a' tighinn bho thaobh thall an aiseig.
"Tha mise air an rathad singilte, a dh'fheumas daoine a ghabhail nuair a tha iad feumach air a bhith a' dràibheadh seach a bhith a' dol air an aiseag, agus chunnaic mise làraidhean mòra, agus càraichean a' dol aig peilear am beatha, agus an t-uabhas de thrafaig.
"Tha sin uile cunnartach air rathad nach eil air a thogail airson an uimhir agus an t-seòrsa sin de thrafaig a ghabhail.
"'S e an t-eagal a th' air daoine ann an seo, gun tachair droch rud mus bi seo seachad.
"Chan eil daoine air chomas tadhail. 'S e sin a' bhuaidh a th' aige.
"Agus chan e a-mhàin an-dràsta, oir na daoine a bha air àiteachan a bhucadh thig iad co-dhiù airson a' chuid as motha, ach 's e a' bhuaidh eile anns an ùine ri teachd, dè bhios daoine a' smaoineachadh mun sgìre a tha seo ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil e doirbh faighinn a-steach dhan àite a tha seo?
"Feumaidh sinn an-dràsta a bhith a' coiteachadh cho làidir dhan Chomhairle, agus gu seachd àraid dhan Riaghaltas, a chionn tha iad a' dol air ais agus air aghaidh eadar a chèile gun a bhith a' gabhail uallaich no dleastanais - aon seach aon aca.
"Feumaidh iad tighinn gu co-dhùnadh ann an ùine nach fhada airson dèanamh cinnteach nach tèid an t-àite a tha seo bàs.
"Chan e tuiteamas a tha seo.
"Tha an soitheach a th' againn 50 bliadhna de dh'aois, agus bha i ann dìreach airson a bhith a' toirt taic dhan phrìomh shoithich, an Corran, a bhith a' dol corra uair thairis air an linne.
"Agus tha i air a bhith ag obair seachd là san t-seachdain, 16 uairean san là, gun stad, bhon Damhair an-uiridh.
"Chan e tuiteamas a tha seo. 'S e ciont a th' ann dhan Chomhairle, agus ciont dhan Riaghaltas."
Ann am brath-naidheachd, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad duilich ach nach eil smachd aca air an t-suidheachadh.
Thuirt an Comh. Ken Gowans gun robh luchd-obrach ag obair thairis air saor-làithean na Càisge agus iad a' sireadh fuasglaidh mhaireannaich.
Tha Calmac air taic a thairgsinn airson na h-obrach-càraidh.
Thathas air freagairt iarraidh bhon Riaghaltas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean 2023
