Cheannaich Urras Iain Mhuir làrach 45 acair an Asainnte

  • Air fhoillseachadh
A' ChuinneagTùs an deilbh, Sean MacKay
Fo-thiotal an deilbh,

A' Chuinneag a chìthear bhon làraich a th' air ùr-cheannach le Urras Iain Mhuir

Dh'innis Urras Iain Mhuir gu bheil iad air làrach sa Chaolas Chumnang sa bheil 45 acair a cheannach agus gu bheil iad am beachd ionad coimhearsnachd agus turasachd a stèidheachadh ann.

Chìthear seallaidhean air a' Chuinneag, beinn air a bheil trì mullaichean, às an làraich air cladaichean Loch a' Chàirn Bhàin. Tha a' bheinn air a bhith an urra ris an urras bho 2005.

Tha an t-urras ag ràdh gu bheil iad airson a bhith ag obair leis a' choimhearsnachd agus croitearan airson cur ri eaconamaidh na sgìre agus a' neartachadh na dàimh eadar na daoine, am fearann agus nàdar san sgìre.

Tha gnothachas sa bheil 10 loidsichean beaga do luchd-tadhail ann mar-thà, agus tha cead-dealbhachaidh ann airson togalaichean eile a tha freagarrach dhan àrainneachd.

Conaltradh Poblach

Thèid an t-urras a-mach gu co-chomhairle phoblaich ro dheireadh na bliadhna le an cuid phlanaichean airson na làraich.

Thuirt Dàibhidh Balharry, Àrd-ofigear an urrais: "Tha sinn den bheachd gur e cothrom fìor mhath dhan àite a dh'fhaodadh a bhith ann.

"Tha sinn a' dol a thòiseachadh le sgrùdadh iomchaidheachd mu dhealbhachadh agus maoineachadh, agus bidh sinn an uairsin a' bruidhinn ris an luchd-còmhnaidh agus ri buidhnean is gnothachasan ionadail. Tha sinn airson beachdan agus molaidhean a h-uile duine a chluinntinn," thuirt e.

A thuilleadh air a' Chuinneag, tha Urras Iain Mhuir an urra ri grunn phìosan talamhainn eile, nam measg Beinn Nibheis, Bàgh Seannabhad, Sìth Chailleann agus pàirtean den Eilean Sgitheanach, Cnòideart, na Crìochan agus Sgìre nan Loch an Sasainn.