Naidheachdan 11:00m

An SNP

Thuirt seann cheannard an SNP ann an Westminster gum feum Riaghaltas na h-Alba stiùir a ghabhail air an iomairt airson neo-eisimeileachd agus gum feum iad earbsa an t-sluaigh a chosnadh a-rithist an solas an rannsachaidh mu ionmhas a' phàrtaidh. Bha Iain Blackford a' bruidhinn an dèidh do dh'àrd-oifigear eadar-amail an SNP, Mìcheal Russell, a bhith ag ràdh nach tachair neo-eisimeileachd do dh'Alba a' chiad ghreis.

Na Làbaraich

Thuirt ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gu bheil e a' seasamh le sanas connspaideach a tha a' fàgail air a' Phrìomh Mhinistear, Rishi Sunak, nach eil e airson a h-uile duine a bheir ionnsaigh fheiseil air cloinn a chur dhan phrìosan. Thuirt Sir Keir, agus e a' sgrìobhadh anns an Daily Mail, gu bheil e a' cur taic ri beachd nan Làbarach. Tha àrd-bhuill-phàrlamaid Thòraidheach ag ràdh gu bheil an sanas oillteil.

Aiseag a' Chorrain

Tha dragh ann gun toir suidheachadh aiseag a' Chorrain fìor dhroch bhuaidh air eacoomaidh na sgìre. Bhrist am bàta sìos Dihaoine, a' fàgail mhuinntir na sgìre agus luchd-turais gun aiseag air deireadh-sheachdain thrang na Càisge. Tha coltas gum bi beagan sheachdainnean ann mus tòisich an t-seirbheis a-rithist. Thuirt an Comh. Ken Gowans, Cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh agus Bun-sructair aig Comhairle na Gàidhealtachd, gu bheil iad a' coimhead air diofar roghainnean airson fuasgladh maireannach dhan t-suidheachadh.

Elon Musk is am BBC

Dh'iarr ceannard Twitter, Elon Musk, soillearachadh air cò às a tha airgead a' BhBC a' tighinn. Bha esan a' freagairt gearain a' BhBC gun do choltaich e am BBC ri "government-funded media". Thuirt Mgr Musk gu bheil esan ag amas an-còmhnaidh air an fhìrinn agus soillearachd. Mhìnich am BBC na bu tràithe gu bheil a' bhuidheann neo-eisimeileach agus air a maoineachadh le airgead poblach.

Sìona agus na Stàitean Aonaichte

Tha an-shocair eadar Sìona agus na Stàitean Aonaichte agus Beijing san treas là de dh'eacarsaich armaichte sna h-uisgeachan timcheall air Taiwan. Chuir na Stàitean Aonaichte soitheach cogaidh dhan sgìre ann an Cuan a Deas Shìona.