
Gheibh muinntir Loch Abar ospadal ùr sa Ghearasdan
Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur i a' chompanaidh Balfour Beatty a thogas ospadal ùr sa Ghearasdan agus a nì obair leasachaidh air Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige.
Thèid £160m not a chosg air an dà phròiseact thairis air an ath seachd bliadhna mar phàirt den obair gus piseach a thoirt air seirbheisean ionadail na slàinte agus a' chùraim shòisealta air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil an cùmhnant a' dearbhadh cho mòr 's tha iad airson seirbheisean coimhearsnachd agus ospadalan sgìreil a neartachadh.
Chuir luchd-iomairt na slàinte ann an Gallaibh fàilte air an naidheachd agus iad ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air an obair ath-nuadhachaidh airson seirbheisean slàinte na sgìre a leasachadh.

Thèid Ospadal Ghallaibh an Inbhir Ùige a leasachadh
Chuir NHS na Gàidhealtachd tairgse a-mach san Fhaoilleach a' sireadh chompanaidhean a rachadh os cionn na h-obrach airson ospadal Ghallaibh an Inbhir Ùige ùrachadh agus fear gu tur ùr a thogail sa Ghearasdan.
Chaidh clach-mhìle eile a ruighinn sa phròiseas Diluain leis an naidheachd gur e a' chompanaidh-togail Balfour Beatty dhan deach an cùmhnant a thoirt.
'S iad cuideachd a thog Ionad Nàiseanta a' Chùraim an Inbhir Nis, agus ospadalan coimhearsnachd san Aghaidh Mhòir agus san Ath-Leathann san Eilean Sgitheanach.
Thuirt Louise Bussell, an t-oifigeach aig NHS na Gàidhealtachd ris a bheil an obair seo an urra: "'S e ceum cudromach a tha seo sa phròiseas gus ath-chruthachadh a thoirt air seirbheisean is goireasan slàinte ann an Loch Abar agus ann an Gallaibh. Tha e a' dearbhadh na tha sinn air gealltainn a thaobh a bhith a' leasachadh sheirbheisean coimhearsnachd agus ospadalan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd."
"Slighe cheart"
Tha luchd-iomairt na slàinte ann an Gallaibh a' dèanamh gàirdeachais ris an naidheachd, agus dragh orra mu na tha iad air call de sheirbheisean slàinte.
Thuirt Ron Gunn, Cathraiche Buidheann-gnìomha Slàinte Ghallaibh: "'S e an dragh as motha a th' oirnn gu bheil coltas ann gu bheil na seirbheisean a-nis air an toirt seachad an Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis, turas dà uair gu leth de thìde air falbh.
"Chan eil sin ro ghoireasach nuair a b' àbhaist dha na seirbheisean sin a bhith rim faotainn gu h-ionadail.
"Tha fiù 's amannan air a bhith ann nuair a chaidh daoine sìos airson còmhradh còig mionaidean le eòlaiche.
"Mar sin, tha mi air mo dhòigh seo a chluinntinn, 's e ceum san t-slighe cheart a th' ann," thuirt e.