Thòisich eucoirean drabastair aig aois 13

  • Air fhoillseachadh
Soidhne airson na h-Àrd-Chùirte ann an Dùn ÈideannTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh binn prìosain air Newman san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann

Chaidh binn seachd bliadhna sa phrìosan air fireannach a thug a' chiad ionnsaigh dhrabasta nuair a bha e 13 bliadhna de dh'aois.

Thug Mark Newman, 63, à Laurencekirk ann an Siorrachd Obair Dheathain, sreath ionnsaighean feiseil ann an Obair Dheathain, Ceann Phàdraig agus Siorrachd Rois eadar 1972 agus 1987.

Chaidh fhaighinn ciontach gun do dh'èignich e boireannach, gun tug e ionnsaigh air deugaire le dùil a h-èigneachadh, agus de thrì eucoirean drabasta an aghaidh dhithis chaileagan.

Chaidh Newman a chur air clàr nan drabaistearan.

Dh'innis aon den fheadhainn air an tug e ionnsaigh dhan diùraidh: "Bha eagal mo bheatha orm roimhe."

Thuirt am boireannach, a tha an-diugh 55, gun do thòisich Newman air ionnsaighean feiseil a thoirt oirre nuair a bha i na pàiste òg agus gum biodh e a' toirt dhi siùcairean agus beagan airgid airson agus nach canadh i càil.

Mu dheireadh thall, dh'innis i mu na thachair dha na Poilis agus thuirt i: "'S e faochadh mòr a bh' ann, gun robh cuideigin ag èisteachd rium."

Thuirt am Morair Beckett gur iad clann a bha gu math òg aig an àm a dh'fhuiling cuid de na h-eucoirean.

Dh'innis am britheamh do Newman: "'S e eucoirean fìor dhona a th' annta seo. Ghabh sibh brath air so-leòntachd na cloinne air an do rinn sibh droch-dhìol."

Air beulaibh an diùraidh bha Newman air cumail a-mach gur e "total farce" a bha anns a' chùis an dèidh dhaibh a dhìteadh air còig casaidean, ceithir dhiubh sin gu h-aona-ghuthach.

Ge-tà, dh'innis am fear-dìon aige, Tony Lenehan KC, dhan Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Dimàirt gun robh Newman a' gabhail aithreachais airson na thuirt e agus gun robh e airson a leisgeul a thabhainn.