Naidheachdan 11:00m
Staing nan aiseagan
Tha trioblaidean aiseig a' cur tuilleadh maill air luchd-siubhail an-diugh, le Caledonian Mac a' Bhriuthainn air seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul a chur dheth. B' fheudar an Loch Seaforth a thoirt a-mach à seirbheis a-raoir air sàilleibh thriobhlaidean teicnigeach. Ann an oidhirp gnothaichean a lasachadh tha CalMac air atharrachadh a dhèanamh air clàr-ama na seirbheis eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart - le prìomhachash ga thoirt do charbadan a tha a' giùlain bathair deatamach mar bhiadh, stuthan meidigeach agus nithean a dh'fhaodadh a dhol a dholaidh.
Bile na h-Aithne Gnè
Le ceann-ùine a' tighinn dlùth airson tagradh laghail sam bith co-cheangailte ri Bile an Aithneachaidh Ghnè, tha am Prìomh Mhinistear ag ràdh gun innis e a dh'aithghearr an tèid Riaghaltas na h-Alba gu lagh. Thuirt Humza Yousaf gu bheil e a' cnuasachadh comhairle laghail mu a bhith a' toirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dhan chùirt às dèidh dhaibh stad a chur air an reachdas a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba.
Turas Joe Biden an Èirinn a Tuath
Cumaidh Joe Biden còmhraidhean ri Rishi Sunak an ceartuair, agus e ann an Èirinn a Tuath a comharrachadh 25 bliadhna bho Aonta Dihaoine na Ceusta. Coinnichidh e cuideachd ri ceannardan phrìomh phàrtaidhean na sgìre, 's dùil gun tog e air mar a tha e air fàilleachadh orra riaghaltas tiomnaichte ath-stèidheachadh aig Stormont.
Elon Musk is Twitter
Dh'innis Elon Musk dhan BhBC gu bheil na duilgheadasan ann a bhith a' ceannach Twitter air a bhith pianail. Ann an agallamh leis a' chompanaidh-chraolaidh, chuir e dìon air mar a phàigh e dheth a' chuid mhòr de luchd obrach Twitter, 's e ag ràdh gum biodh a' chompanaidh air a dhol fodha mura biodh e air sin a dhèanamh. Thuirt Mgr Musk cuideachd nach robh Twitter a-nis a' call airgid, agus gum biodh e deònach a reic nam faigheadh e tairgse iomchaidh.
Staid èiginneach san Eadailt
Tha ministearan san Eadailt air staid èigineach a ghairm a mhaireas airson sia mìosan. Tha an co-dhùnadh mar thoradh air àrdachadh anns an àireamh de luchd-iomrich à Afraga a tha a' tighinn thairis air a' Mhuir Mheadhain-Thìreach. Tha timcheall air 3,000 air tighinn gu tìr anns an Eadailt thairis air na trì làithean a dh'fhalbh.
Fear-coiseachd air chall
Tha dragh ann mu fhearr a th' air a dhol a dhìth 's e a' coiseachd nam beann faisg air Taigh an Droma. Chan fhacas Pàdraig Allan Rothach bho Dhiardaoin seo chaidh. Tha e tràth sna 30an agus tha e sia troighean de dh'àirde, le feusag agus falt ruadh gu a ghuailnean. Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a leigeil thuca.