Greis mus fhosgail an t-àite-seallaidh aig Creag an Fhèillidh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi deireadh a' Chèitein ann mus fhosgail àite-seallaidh Creag an Fhèillidh agus na h-àitichean-parcaidh na chois.

'S e seo aon de na làraich as fheàrr le luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach.

Fhuair grunn dhaoine càin de £100 aig an deireadh-sheachdain airson càraichean fhàgail aig oir an rathaid gus sealladh fhaighinn air a' chreig, agus draghan gan togail gun robh cùisean a' fàs cunnartach timcheall air an àite. Le barrachd, seo Alasdair MacLeòid …