An Loch Seaforth a' seòladh a-rithist
Thill an Loch Seaforth gu seirbheis feasgar airson seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh às dèidh deuchainnean soirbheachail.
Bha trioblaidean teicnigeach a' ciallachadh gun robh an t-aiseag as motha aig CalMac dheth bho fheasgar Diluain.
Ach tha comhairliche bho Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir deasbad air am bu chòir dhaibh bhòt cion-earbsa a chumail ann an Còmhdhail Alba, ri linn staing nan aiseagan. Le tuilleadh, seo Ailig John Moireasdan ...