
Tha an Caledonian Isles fada gun tilleadh à obair-càraidh, 's an MV Isle of Arran, a tha 39 bliadhna de dh'aois, air an t-slighe an-dràsta
Tha prìomh sheirbheis aiseig Eilean Arainn a' dol a-rithist Dihaoine, às dèidh a bhith air a cur dheth Diardaoin 's am bàta-aiseig air briseadh.
Dh'innis CalMac gun robh an MV Isle of Arran agus gasaichean bhon einnsean aice ag aodion dha seòmar an einnsein.
B' fheudar am bàta a stad airson sàbhailteachd a' chriùtha, ach chaidh aca air an trioblaid a chàradh.
Tha an Isle of Arran air a bhi ann an seirbheis fad 39 bliadhna - tha i air an t-slìghe an-dràsta agus an MV Caledonian Isles fada gun tilleadh à obair-càraidh.